Gabhaidh ceistean obrachadh a-mach le bloighean de chumaidhean 's uireadan. Faodar bloighean measgte a chur-ris/ thoirt-air-falbh 'son an àireamh de phàirtean bloigheach an àireamh mheasgte a lorg.
Part ofGnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd
Uaireannan thèid agad air am bàrr agus am bonn aig bloigh a roinn leis an aon àireimh. Canaidh sinn cansaileadh sìos ris an seo.
'S e sìmpleachadh na bloigh ainm eile air a shon. Glè thric bidh agad ri bloigh a sgrìobhadh san riochd as sìmplidhe aice.
Tha sin a' ciallachadh gum feum thu a' bhloigh a chansaileadh sìos chun na h-ìre nach gabh a cansaileadh sìos dad nas fhaide.
Sgrìobh a' bhloigh seo san riochd as sìmplidhe: \(\frac{{12}}{{16}}\)
Roinn le \(4\).
Faodaidh tu seo a dhèanamh ann an dà cheum.
Nuair a roinneas tu am bàrr agus am bonn le \(2\) gheibh thu \(\frac{6}{8}\).
Nuair a roinneas tu am bàrr agus am bonn le \(2\) a-rithist, gheibh thu \(\frac{3}{4}\).
Nuair a dh'obraicheas tu a-mach ceist air bloighean, bu chòir dhut do fhreagairt a chansaileadh sìos.