Cuspair sgrùdaidh
Beinn St Helens 1980
Tha spreadhadh Beinn (Bn.) St Helens ann an 1980 ga rannsachadh tric a thaobh bholcànothan. Bidh Bn. Etna ann an Sicily agus Heimaey ann an Innis Tìle gan rannsachadh cuideachd.
Beinn St Helens 1980: adhbharan airson an spreadhaidh
Thòisich sreath spreadhaidhean ann am Bn. St Helens, Washington ann an 1980 nuair a chruthaich maoim-talmhainn mòr agus spreadhadh cumhachdach cruinn-shloc mòr. Sguir iad an ceann 6 bliadhna nuair a chaidh cuach-mhullaich a thogail sa chruinn-shloc air sgàth còrr is dusan mach-bhruthadh de làbha.
Thòisich a' chiad crithean-talmhainn beaga an toiseach as t-earrach 1980. An uair sin, an dèidh nam mìltean de chrithean-talmhainn eile agus de spreadhaidhean smùide, thàinig spreadhadh mòr air 18 Cèitean 1980.
Tha Bn. St Helens faisg air pleitean dlùthachail far a bheil pleit nas lugha, pleit Juan de Fuca air a phutadh a-steach dhan fhallainn le Pleit Ameireaga a Tuath, a tha nas motha. Tha lùth-suathaidh agus teas a' toirt air a' phleit leaghadh agus nuair a tha e a' leaghadh, tha creagan leaghte air an cruthachadh. Bidh a' chreag leaghte a' cruinneachadh gus am faigh i cothrom air faighinn chun an uachdair tro sgàinidhean ann an rùsg na talmhainn.
Beinn St Helens 1980: buaidh air dealbh-tìre agus air sluagh
Dealbh-tìre
- Chaidh àirde na beinne a lùghdachadh bho 2950m gu 2560m oir dh'adhbharaich an spreadhadh am maoim-talmhainn bu mhotha a chaidh a chlàradh riamh.
- Chaidh gach lus is ainmhidh a bha an taobh a-staigh de radius 25km dhen bholcàno a mharbhadh, agus nam measg sin bha craobhan mòra.
- Bha sruthan puill a' dòrtadh sìos dha na glinn a' tachdadh aibhnichean le sprùilleach creige, a' marbhadh iasg agus a' toirt chraobhan às na freumhaichean.
Sluagh
- Bhàsaich 61 duine (air sgàth sruthan puill, gasaichean puinnseanta no chaidh am pronnadh gu bàs) ann an spreadhadh Bn. St Helens agus b' fheudar cobhair a dhèanamh air 198.
- Chuir sruthan puill às do dhrochaidean, do thaighean agus do champaichean logadh.
- Bha sgòthan luatha a' cumail a-mach na grèine agus bha an latha mar an oidhche.
- Chaidh togalaichean agus craobhan a leagail leis an spreadhadh agus chuir e dheth an dealan agus fònaichean.
- Rinn an luath luach £100 millean de mhilleadh air innealan tuathanais agus air bàrr.
Beinn St Helens 1980: dòighean ro-innse agus planadh
Tha e doirbh ro-innse a dhèanamh air bholcàno agus ged nach deach aig luchd-saidheans air deit cheart a thoirt airson Bn. St Helens, dh'fheuch iad ri a ro-innse le bhith a' tomhas tricead nan crithean-talmhainn air a' bheinn. Mar a bu mhotha an tricead, b' ann a b' fhaisge a bha an spreadhadh, agus le bhith a' tomhas meud a' chòn bholcànach, b' urrainn sealltainn mar a bha magma a' cruinneachadh san deatachan. Thèid aig luchd-saidheans cuideachd air coimhead a bheil gasaichean a' dol mu sgaoil (sulfur dà-ogsaid) agus a bheil barrachd obair thearmach a' tachairt anns a' chruinn-shloc. A dh'aindeoin sin, mus tàinig an spreadhadh bha luchd-saidheans an dùil nach tigeadh spreadhadh Bn. St Helens airson beagan sheachdainean.
Chaidh aig na h-ùghdarrasan air daoine a ghluasad às na sgìrean timcheall Bn. St Helens nuair a fhuair iad a-mach mun sgìre air an tug an spreadhadh roimhe buaidh agus stèidhich iad sòn toirmisgte timcheall na bholcàno. Bha seirbheisean èiginn cuideachd ri làimh; bha iad sin deiseil gus cobhair a dhèanamh air daoine a dh'fheumadh cuideachadh.