Bholcànothan
Far am bi iad
Prìomh fheartan bholcànothan
Structar na cruinne-cè
Adhbharan airson bholcànothan
Gheibhear bholcànothan far a bheil crìochan phleitean coinbhearsach agus crìochan phleitean dlùthachail. Nuair a ghluaiseas dà phleit coinbhearsach bho chèile, leigidh sgàinidhean san rùsg le creag leaghte ris an canar magma èirigh bhon fhallainn, tro rùsg na talmhainn, chun an uachdair. Nuair a ruigeas a' chreag leaghte seo an t-uachdar, canar spreadhadh bholcànach ris. Canar làbha ri magma aig an uachdar, agus bidh e a' fuarachadh agus a' cruadhachadh gu bhith na chreig chruaidh. Faodaidh am pròiseas seo tachairt a-rithist agus a-rithist thar iomadh bliadhna agus thèid beinn le cumadh còn, no bholcàno a chruthachadh.
Tha crìochan phleitean dlùthachail a' ciallachadh gum bi dà phleit a' gluasad gu chèile. Bidh a' phleit as truime air a putadh sìos fon phleit as aotruime, agus a-steach dhan fhallainn far am bi i a' leaghadh. Bidh a' chreag leaghte ag èirigh chun an uachdair tro sgàinidhean anns na creagan agus ag adhbhrachadh spreadhadh bholcànach. 'S àbhaist gum bi na spreadhaidhean sin gu math mòr oir tha gasaichean nam measg.