Stoirmean tropaigeach
Far am bi iad
Far am bi stoirmean tropaigeach
Bidh stoirmean tropaigeach eadar an crios-meadhain agus Tropaig Chansar san leth-chruinne a tuath, agus eadar an crios-meadhain agus Tropaig Chapracorn aig deas. Bidh iad a' tòiseachadh thar taobh an ear nan cuantan agus a' gluasad dhan iar agus an sin, nuair a thèid iad thairis air tìr, nì iad sgrios uabhasach mus tèid iad à bith. Canar doineann sna Stàitean Aonaichte (SA) ri stoirmean tropaigeach thar 74msu, cuairt-gaoithe sna h-Innseachan agus stoirm thropaigeach, no typhoon, ann an Sìona agus ann an Iapan.
Prìomh chomharran nan stoirmean tropaigeach
Feartan stoirmean tropaigeach
Stoirm tropaigeach a' tòiseachadh
Adhbharan airson stoirmean tropaigeach
Mus tòisich stoirm thropaigeach, feumaidh na leanas tachairt:
- feumaidh teòthachd na mara a bhith os cionn 27°C
- bruthadh-èadhair ìosal
- èadhar a' snìomhadh suas
- raon mòr uisge
- suidheachadh eadar na tropaigean
- èadhar bhog. thais le taisead os cionn 60%