Cunnartan àrainneachdailCrithean-talmhainn

Dh’fhaodadh tuigse mu chunnartan nàdarra dùthchannan a chuideachadh le bhith dèiligeadh riutha no a’ cur bacadh orra. Seallaidh cuspairean sgrùdaidh buaidh nan cunnartan sa gheàrr agus san fhad-ùine.

Part ofCruinn-eòlasCùisean cruinneil

Crithean-talmhainn

Far am bi iad

Far am bi crithean-talmhainn
Figure caption,
Far an bi crithean-talmhainn

Bidh crithean-talmhainn mar as trice aig crìochan nam pleitean teactonaig mar a chithear gu h-àrd. Gheibhear bannan de chrithean-talmhainn timcheall a' Chuain Shèimh gu lèir, me ann an Iapan, agus canar Cearcall Teine a' Chuain Shèimh ris an sgìre sin. Tha cladaichean an Iar agus Tuath Cheann a Deas Ameireaga ann an sònaichean chrithean-talmhainn agus cuideachd Druim Meadhan an Atlantaig agus ceann a deas a' Mhuir Mheadhan-thìrich mun Tuirc agus mun Eadailt.

Prìomh fheartan crith-thalmhainn

PrÏomh fheartan crith-thalmhainn
Figure caption,
Prìomh fheartan crith-thalmhainn

Tuigse mu chrithean-talmhainn agus pleitean teactonaig

Adhbharan airson crith-thalmhainn

Bidh crith-thalmhainn a' tachairt nuair a ghluaiseas na pleitean teactonaig a tha a' dèanamh suas rùsg na talmhainn gu h-obann. Nuair a ghluaiseas pleitean teactonaig thar a chèile, bidh lùth-suathaidh a' cruinneachadh agus bidh iad 'a' steigeadh' agus bidh sin a' ciallachadh gum bi bruthadh a' fàs nas motha. Mu dheireadh, bidh na forsaichean ro mhòr agus bidh creagan an rùisg a' briseadh bho chèile. Canar crith-thalmhainn ris a' ghluasad obann seo dhen talamh.

Pleitean teactonaig
Figure caption,
Pleitean teactonaig