Cunnartan àrainneachdailCuspair sgrùdaidh

Dh’fhaodadh tuigse mu chunnartan nàdarra dùthchannan a chuideachadh le bhith dèiligeadh riutha no a’ cur bacadh orra. Seallaidh cuspairean sgrùdaidh buaidh nan cunnartan sa gheàrr agus san fhad-ùine.

Part ofCruinn-eòlasCùisean cruinneil

Cuspair sgrùdaidh

Doineann Mitch

Doineann Mitch a' bualadh air Honduras ann an 1998

Tha Doineann Mitch tric a' nochdadh mar chuspair sgrùdaidh airson stoirm thropaigeach. Bhon uair sin bhiodh Doineann Sandy cuideachd na h-eisimpleir.

Bidh cuspairean sgrùdaidh gan cleachdadh airson deagh thuigse air stoirm shònraichte agus bu chòir gum biodh fios aig sgoilearan air na leanas:

  • na h-adhbharan air a shon
  • a' bhuaidh air an dealbh-tìre agus air an t-sluagh
  • manaidseadh – dòighean air ro-innse agus planadh

Doineann Mitch: na h-adhbharan

Thòisich Doineann Mitch air a' Mhuir Charibbean agus bhuail i Meadhan Ameireaga san Dàmhair 1998, le gaothan aig còrr is 180msu.

Bha samhradh uabhasach teth ann, agus bha sin a' ciallachadh gun do ràinig teòthachd na mara sa Charibbean 27°C. Bha sin a' ciallachadh gun robh tòrr deatachaidh ann agus thug sin air an èadhar os cionn na mara fàs tais agus fliuch. Thòisich an èadhar os cionn àirde na mara ag èirigh oir bha i uabhasach teth, agus thug sin air raon de bhruthadh ìosal tighinn gu bith. Chaidh èadhar a shùghadh a-steach thar na mara airson a dhol an àite an èadhair a bha ag èirigh agus chaidh ìsleachadh tropaigeach a chruthachadh. Sin a' chiad cheum ann a bhith a' cruthachadh doineann.

Dh'fhàs gaothan na bu mhotha agus na bu mhotha nuair a dh'èirich an èadhar na bu luaithe. Mar sin bha an èadhar a bha a' dol na àite a' fàs na bu luaithe cuideachd. Mar thoradh air an sin, thòisich an èadhar air snìomhadh, cuide ri bhith a' fàs na bu luaithe. Thàinig Mitch gu bhith na stoirm thropaigeach agus an uair sin na doineann air 23 Dàmhair 1998.

Ghluais an doineann dhan iar agus bhuail i Honduras air 29 Dàmhair 1998 far an do rinn i sgrios uabhasach. Chaill Doineann Mitch neart agus luathas thar na tìre oir cha robh an còrr èadhar thais ann airson toirt air an èadhar cumail ag èirigh.

Doineann Mitch: buaidh air dealbh-tìre agus air sluagh

Taighean air an sgrios le Doineann Mitch air Cerro El Berrinche
Image caption,
Taighean air an sgrios le Doineann Mitch air Cerro El Berrinche

Dealbh-tìre

  • Ann an Honduras, chaidh togalaichean ris a' chladach a sgrios.
  • Leag a' ghaoth mhòr craobhan.
  • Chaidh loidhnichean cumhachd a leagail cuideachd.
  • Seach gun do thuit uiread de dh'uisge cho luath ann an ùine cho beag, chaidh ùir a ghluasad do dh'aibhnichean agus stob iad.
  • Bha tuiltean mòr ann mar thoradh air an sin.
  • Chaidh drochaidean agus rathaidean cuideachd a sgrios le uisge nan tuiltean.
  • Ann an Nicaragua, chaidh drochaidean agus rathaidean cuideachd a sgrios le uisge nan tuiltean.
  • Thiodhlaic sin ceithir bailtean.

Daoine

  • Chaill mu 9,000 am beatha.
  • Chaill mòran dhaoine an dachaigh nuair a chaidh na taighean a mhilleadh.
  • Chaidh talamh tuathanais prìseil a sgrios.
  • Thàinig tinneas, me cholera, air sgàth gun deach uisge òil a thruailleadh.
  • Bha droch bhuaidh air leasachadh eaconamach.
  • Chaidh fiachan nàiseanta suas air sgàth cosgaisean càraidh.

Doineann Mitch: dòighean ro-innse agus planadh

Thèid aig eòlaichean air fiosrachadh mionaideach a chruinneachadh agus rabhadh a thoirt do dhaoine an sgìre fhàgail air sgàth uidheamachd adhartach airson na sìde. Bidh saidealan a' cur dhealbhan gu coimpiutairean agus seallaidh iad càit a bheil stoirmean. Bidh fiosrachadh mionaideach mun t-sìde a' cuideachadh nan eòlaichean gu bhith a' feuchainn ri innse ro-làimh càit am buail an stoirm. Dh'atharraich Doineann Mitch a cùrsa tric agus gu h-obann. Mar sin bha e doirbh obrachadh a-mach càit am bualadh i air tìr. Fhuair a h-uile dùthaich ann am meadhan Ameireaga rabhadh mun stoirm agus theich mòran a-steach air an dùthaich. Thog Feachd Adhair Honduras daoine air feadh a' chladaich agus far eileanan, agus chaidh beatha iomadh neach a chaomhnadh air sgàth sin.