Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgrìobhadh breithneachailAg ath-sgrùdadh

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh breithneachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

Ag ath-sgrùdadh

Nuair a tha a' chiad dreach agad deiseil, 's fhiach am pìos ath-sgrùdadh. Tha e feumail do sgrìobhadh a leughadh co-dhiù dà thuras. A' chiad turas a' coimhead gu sònraichte air litreachadh agus gràmar. An dàrna turas a' coimhead air brìgh agus stoidhle. Fhad 's a tha thu a' leughadh, feuch ri smaoineachadh mu na ceistean seo:

  • A bheil an sgrìobhadh a' buntainn ris a' ghnìomh/cheist?
  • A bheil na beachdan agam soilleir?
  • A bheil mi a' neartachadh nam beachdan seo le eisimpleirean/fianais?
  • A bheil mi a' cleachdadh tòna fhoirmeil?
  • A bheil an stoidhle tlachdmhor a leughadh?
  • A bheil co-dhùnadh soilleir ann aig an deireadh?

More guides on this topic