Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgrìobhadh breithneachailCruth na h-aiste

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh breithneachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

Cruth na h-aiste

Bidh feum agad taghadh a dhèanamh eadar pìos sgrìobhaidh ìmpidheach agus pìos sgrìobhaidh connspaideach. Am biodh e na b' fheàrr a bhith ag argamaid airson aon taobh dhen argamaid (ìmpidheach), no a bhith a' coimhead air dà thaobh na h-argamaid (connspaideach)?

Chan eil riaghailtean sònraichte ann a thaobh structar nan stoidhlichean seo, ach dh'fhaodadh tu na molaidhean seo a chleachdadh:

Cruth pìos sgrìobhaidh ìmpidheach

  1. Ro-ràdh (inns mun chuspair agus taobh na h-argamaid).
  2. Argamaid a h-aon (adhbhar airson a' bheachd seo le fianais agus taic air a shon).
  3. Argamaid a dhà, trì... ann am paragrafan fa leth.
  4. Beachdan an aghaidh na h-argamaid (ach mìnich carson nach eil thu a' gabhail ri na beachdan seo).
  5. Co-dhùnadh.

Cruth pìos sgrìobhaidh connspaideach

  1. Ro-ràdh (inns mun chuspair is carson a tha e connspaideach).
  2. Argamaid a h-aon airson a' chiad bheachd (le fianais is taic air a shon).
  3. Argamaid a h-aon airson an dàrna bheachd (le fianais is taic air a shon).
  4. Argamaid a dhà airson a' chiad bheachd...
  5. Argamaid a dhà airson an dàrna beachd...
  6. Tuilleadh argamaidean airson an dà thaobh.
  7. Co-dhùnadh.

More guides on this topic