Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgrìobhadh breithneachailRannsachadh

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh breithneachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

Rannsachadh

Tha an rannsachadh a nì thu mun chuspair air leth cudromach. 'S mathaid gu bheil thu air cuspair a thaghadh air a bheil thu mion-eòlach, no rudeigin a tha an ìre mhath ùr dhut.

Ach, a dh'aindeoin cho eòlach 's a tha thu air a' chuspair, bu chòir dhut rannsachadh a dhèanamh air. Ma tha figearan is staitistigean, beachdan eòlaichean agus eisimpleirean agad, bidh na h-argamaidean agad tòrr nas treasa.

Tha iomadh stòr ann a bhiodh feumail mar ghoireas rannsachaidh:

  • leabharlann
  • an t-eadar-lìon
  • artaigilean
  • eòlaichean
  • suirbhidhean
  • beachdan dhaoine

Tha neartan is laigsean an lùib a h-uile fear dhe na goireasan seo agus feumaidh tu an cleachdadh gu faiceallach. Smaoinich mu na ceistean seo fhad 's a tha thu a' rannsachadh:

  • A bheil an stòr seo earbsach?
  • A bheil an stòr seo iomchaidh san latha an-diugh?
  • A bheil an stòr seo a' dol a chuideachadh leis an argamaid a tha mi a' dèanamh?
  • A bheil mi a' cumail clàr dhe na stòran a chleachd mi?

Tha e cudromach gun ainmich thu na stòran a tha thu a' cleachdadh sa phìos sgrìobhaidh, gus an creid an leughadair an rud a tha thu ag ràdh. Beachdaich air an diofar eadar:

Tha 90% de mhuinntir na h-Alba an aghaidh a' bheachd seo.

Tha suirbhidh a rinn Riaghaltas na h-Alba ann an 2015 a' sealltainn gu bheil 90% de mhuinntir na h-Alba an aghaidh a' bheachd seo.

Cò am beachd san cuireadh tu sùim agus carson?

More guides on this topic