Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgrìobhadh breithneachailA' sgrìobhadh a' phìos

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh breithneachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

A' sgrìobhadh a' phìos

Nuair a tha thu a' dèanamh sgrìobhadh breithneachail, tha thu ag iarraidh gun cuir an leughadair luach sna rudan a tha thu ag ràdh. Mar sin, feumaidh tu na beachdan agad a chur an cèill ann an dòigh a chreideas an leughadair.

Tiotal agus ro-ràdh

Seo far an inns thu mun chuspair agus far an cuir thu ann an co-theacs e. Dh'fhaodadh tu tòiseachadh le beachd bho na naidheachdan, no beachd pearsanta, me

Cìs an t-siùcair: cudromach no caitheamh ùine?

Aig aon àm b' e tombaca agus smocadh prìomh amas an riaghaltais a thaobh a bhith ag atharrachadh dòigh-bheatha a' phobaill. Ach, beag air bheag, tha nàmhaid eile air ionnsaigh a thoirt air slàinte na dùthcha: siùcar. Tha an riaghaltas a-nis a' cur cìs a bharrachd air deochan-milis, an dùil gun dèan seo diofar...

Tha an ro-ràdh seo a' cur a' chuspair ann an co-theacs (slàinte na dùthcha) agus an uair sin a' togail air lagh ùr a chaidh a chur an gnìomh. Mar sin, tha beachd aig an leughadair air a' chuspair fhèin agus carson as fhiach a dheasbad.

A' cruthachadh argamaidean

Feumaidh tu smaoineachadh mun dòigh san cuir thu na h-argamaidean fa chomhair an leughadair.

Tha dòighean diofraichte ann air seo a dhèanamh, ach faodaidh tu an cruth a leanas a chleachdadh airson structar a chur air na paragrafan agad:

Beachd: inns dè am beachd a tha thu a' togail, me 'Sa chiad dol-mach, tha làn fhios againn san latha an-diugh mun droch bhuaidh a tha siùcar a' toirt air daoine...'

Fianais: stèidhichte air an rannsachadh a rinn thu, me 'Tha figearan a nochd ann an [Tiotal an iris/a' phàipeir-naidheachd] ag ràdh gu bheil na h-ìrean de thinneas an t-siùcair air dùblachadh sna fichead bliadhna a dh'fhalbh...'

Anailis: dèan sgrùdadh air an fhianais, me 'Ged nach e rud ùr a th' ann an tinneas an t-siùcair, tha e follaiseach gu bheil ceangal soilleir ann eadar cho bitheanta 's a tha siùcar ann am biadh is deoch san latha an-diugh agus ìrean àrda an tinneis seo...'

Ceangal: dèan ceangal eadar a' bheachd seo agus cuspair a' phìos sgrìobhaidh, me 'Chanadh cuid gur e deagh thoiseach-tòiseachaidh a th' anns a' chìs seo, gu h-àraidh an dòigh sa bheil i ag amas air aon dhe na prìomh adhbharan...'

Co-dhùnadh

Seo far an ceangail thu na beachdan gu lèir ri chèile. Bidh cruth a' cho-dhùnaidh a' tighinn a rèir amas a' phìos. A bheil thu a' dol a ghabhail taobh san argamaid? Ma tha, 's fhiach seo a dhèanamh soilleir a-rithist sa cho-dhùnadh.

Ma tha thu a' sgrìobhadh pìos connspaideach, dèan fhèin taghadh a bheil thu a' dol a ghabhail taobh no a bheil thu a' dol a dh'fhàgail a' cho-dhùnaidh aig an leughadair.

More guides on this topic