Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgrìobhadh cruthachailA' sgrìobhadh sgeulachd ghoirid

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh cruthachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

A' sgrìobhadh sgeulachd ghoirid

Aig Ìre Nàiseanta 5, thèid iarraidh ort diofar phìosan sgrìobhaidh a dhèanamh. Nuair a tha thu a' cruthachadh phìosan sgrìobhaidh, bu chòir dhut a bhith eòlach air na diofar ghnèithean-sgrìobhaidh agus na modhan is na stoidhlichean sònraichte a thathar a' cur gu feum.

Tha sgrìobhadh ficsean a' gabhail a-steach rudan mar sgeulachdan goirid, earrann bho nobhail, sgrìobhadh meòrachail, bàrdachd no pìos dràma.

Anns an earrainn seo, coimheadaidh sinn air a bhith a' sgrìobhadh sgeulachd ghoirid.

Tha feartan, structaran agus sgilean sònraichte a' nochdadh anns a' ghnè seo. Tha e cudromach gum bi thu eòlach air na nithean seo agus gun tèid agad air an cleachdadh anns an sgrìobhadh agad fhèin.

Nuair a tha thu a' sgrìobhadh phìosan, bu chòir gun seall thu gu bheil thu mothachail air:

  • stoidhle agus modhan na gnè sgrìobhaidh
  • adhbhar agus luchd-amais a' phìos

More guides on this topic