Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgrìobhadh cruthachailPlot

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh cruthachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

Plot

Tha plot cudromach dhan a h-uile sgeulachd. Ach, tha e an urra riutsa dè an seòrsa plot a chleachdas tu. Tha cuid dhiubh gu math gnìomhach, far an tachair rudan dràmatach is far am bi car aig an deireadh.

Air neo, tha sgeulachdan ann far nach tachair mòran a thaobh gnìomh, ach tha smuaintean a' charactar agus na faireachdainnean aca ag atharrachadh tron sgeulachd.

Ge bith dè an seòrsa plot a chruthaicheas tu, cuimhnich gu bheil thu a' feuchainn ri aire an leughadair a chumail.

Mas e 's gu bheil thu a' strì ri plot a chruthachadh, faodaidh tu na ceistean seo a chleachdadh:

Miann: dè tha an caractar agad ag iarraidh?

Cnap-starra: dè tha a' cur stad orra?

Àirde: dè thachras nuair a dhèiligeas an caractar ris a' chnap-starra?

Fuasgladh: dè thachras nuair a gheibh an caractar am miann?

Ma smaoineachas tu mu sgeulachdan no filmichean ainmeil san latha an-diugh, tha mòran dhiubh a' leantainn an structair seo, me:

Miann: fear a tha ag iarraidh cuidhteas fhaighinn de fhàinne dhraoidheil, chunnartach

Cnap-starra: draoidh olc, cumhachdach le arm mòr ag iarraidh na fàinne

Àirde: an dà thaobh a' sabaid an aghaidh a chèile ann am blàr mòr, fuilteach

Fuasgladh: am fear a' cur às dhan fhàinne ann am beinn-theine is tha sìth ann.

More guides on this topic