Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Sgrìobhadh cruthachailToiseach-tòiseachaidh: cuspair agus plana

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh cruthachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

Toiseach-tòiseachaidh: cuspair agus plana

Bidh a' mhòr-chuid de sgrìobhadairean a' tòiseachadh le plana. Ma tha thu a' sgrìobhadh mu chuspair sònraichte, bidh feum agad sgeulachd a chruthachadh a tha freagarrach airson a' ghnìomh.

Ma tha làn shaorsa agad cuspair a thaghadh, dh'fhaodadh tu sgrìobhadh mu rud sam bith! Ach, feuch ri rudeigin a thaghadh sa bheil ùidh agad. Uaireannan bidh dealbhan no rudeigin a chunnaic thu sna naidheachdan cuideachail ann a bhith a' toirt beachd dhut.

Mar thoiseach-tòiseachaidh, cruthaich mapa-inntinn agus leudaich air na cinn seo:

Plana

  • Suidheachadh
  • Caractar(an)
  • Plot
  • Stoidhle
  • Teachdaireachd

More guides on this topic