Sgrìobhadh cruthachailSamhlaidhean is meataforan agus Teachdaireachd

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh cruthachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

Samhlaidhean is meataforan agus Teachdaireachd

Samhlaidhean is meataforan

Cleachdaidh sgrìobhadairean samhlaidhean is meataforan airson rudan innse ann an dòigh nas inntinniche. Beachdaich air an diofar eadar an dà sheantans seo:

Bhuail an tidsear a làmh air an deasg gu cruaidh agus rinn e fuaim àrd.

Bhuail an tidsear a làmh air an deasg le brag mar òrd.

Tha iomadh samhla anns a' Ghàidhlig is bidh thu eòlach air mòran dhiubh. Feuch gnàthasan-cainnt a chleachdadh san sgeulachd agad gus am bi blas na Gàidhlig air do chuid sgrìobhaidh.

'S fhiach liosta a dhèanamh dhe na samhlaidhean air a bheil thu eòlach agus an liosta seo a leudachadh nuair a gheibh thu an cothrom.

Seo dhut toiseach-tòiseachaidh:

  • cho fuar ris a' phuinnsean
  • cho mòr ri taigh
  • cho geal ris an t-sneachd
  • cho caol ri bior
  • cho làidir ri each
  • cho leisg ri seann chù

Teachdaireachd

Gu math tric, tha beachd no teachdaireachd a' ruith tro sgeulachd. 'S dòcha nach fhoillsich sgrìobhadair teachdaireachd na sgeulachd gu soilleir anns a' bhad, ach gun tig seo am follais beag air bheag fhad 's a leughas tu. Uaireannan, cha tig teachdaireachd na sgeulachd am follais gus an tòisich thu air ath-sgrùdadh agus meòrachadh a dhèanamh oirre.

Smaoinich air na sgeulachdan goirid a b' fheàrr a chòrd riut. An tug an sgeulachd ort smaoineachadh mu bheachd sam bith ann an tuilleadh doimhneachd? An tug i ort beachdachadh air cuspair ann an dòigh eadar-dhealaichte?

Nuair a tha thu fhèin a' sgrìobhadh, 's dòcha gum bi beachd no adhbhar àraidh agad a thug ort an sgeulachd agad a sgrìobhadh. 'S mathaid gun tig teachdaireachd am follais gun fhiosta dhut – tuigidh leughadairean na sgeulachdan a leughas iad ann an dòighean diofraichte.

More guides on this topic