Sgrìobhadh cruthachailStoidhle

Seo cothrom sgilean sgrìobhaidh a leasachadh aig Ìre Nàiseanta 5. Anns an earrainn, gheibh thu taic le eisimpleirean de rudan a tha cudromach a thaobh sgrìobhadh cruthachail.

Part ofGàidhligObair shònraichte-sgrìobhadh

Stoidhle

Fhad 's a leasaicheas tu na sgilean sgrìobhaidh agad, cruthaichidh tu an stoidhle agad fhèin.

Smaoinich air na sgeulachdan eadar-dhealaichte a leugh thu. A bheil thu ag aithneachadh stoidhlichean diofraichte?

Cleachdaidh cuid de sgrìobhadairean stoidhle lom, phongail far nach inns iad ach na rudan as cudromaiche, ach sa bheil rudan mar smuaintean nan caractaran gu math cudromach.

Air neo, cleachdaidh iad stoidhle bheairteach, thuairisgeulach far am faigh an leughadair beachd mionaideach air cò ris a tha neach, suidheachadh no tachartas coltach.

Tha e an urra riutsa an stoidhle agad fhèin a chruthachadh, ach bu chòir dhut smaoineachadh mu na rudan a leanas fhad 's a tha thu a' planadh agus a' sgrìobhadh:

Stoidhle

  • Samhlaidhean
  • Meataforan
  • Cruth sheantansan
  • Taghadh-facail
  • Puingeachadh
  • Conaltradh

More guides on this topic