DiofarachadhReat-atharrachaidh

Bidh sinn a' cleachdadh feàrrachadh ann a bhith ag obrachadh a-mach an luach as motha/lugha a bhios aig fuincsean. Cuideachd ag obrachadh a-mach reat-atharrachaidh le diofarachadh is ag ionadachadh.

Part ofMatamataigCleachdadh

Reat-atharrachaidh

Eisimpleir

Satellite burning up on re-entry into the Earth's atmosphere

Tha saideal a' tuiteam air ais gu Talamh. Tha an t-astar a thuit e, \(D\) meatairean, bho chaidh fhaicinn an toiseach air a thoirt le \(D(t) = 100t + 5{t^2}\), far an e \(t\) an ùine ann an diogan bho chaidh fhaicinn an toiseach.

Dè cho luath 's a bha an saideal a' siubhal an dèidh 10 diogan?

Fuasgladh

'S e an luaths an reat-atharrachaidh eadar an t-astar agus an ùine.

Cuimhnich airson reat-atharrachaidh obrachadh a-mach gum bi sinn a' diofarachadh.

\(D(t) = 100t + 5{t^2}\)

\(D\textquotesingle(t) = 100 + 10t\)

Nuair a tha \(t = 10\),

\(D\textquotesingle (t) = 100 + 10(10)\)

\(D\textquotesingle (t) = 200m/s\)

Bha an saideal a' siubhal aig 200 m/s an dèidh 10 diogan.