Adhbharan airson soirbheachas san t-strì an aghaidh bochdainn
Fàs air eaconomaidhean
Tha cha mhòr an treas cuid de dhèanatas agus caitheamh an t-saoghail a-nis ann an dùthchannan fo leasachadh. Ro dheireadh 2030, bidh 80% de eagar meadhanach an t-saoghail a' fuireach ann an dùthchannan 'fo leasachadh'. Ach, bidh droch bhuaidh aig Covid-19 air an seo:
- A rèir Co-labhairt nan Dùthchannan Aonaichte air Malairt agus Leasachadh, thuit tasgadh dìreach, cèin (foreign direct investment no FDI) 42% ann an 2020.
- A rèir Buidheann Turasachd na Cruinne, bha a' bhliadhna a bu mhiosa riamh aig turasachd ann an 2020, le luchd-siubhail a' tighinn à dùthchannan eile sìos 74% Tha seo a' dèanamh cron gu h-àraidh air eaconamaidhean fo leasachadh a tha gu mòr an urra ri turasachd airson obair agus teachd-a-steach a chruthachadh.
Cobhair
Bhon a chaidh Aonta Ghleann Eagais (Gleneagles Agreement) a ruighinn ann an 2005, thathar air cobhair nan dùthchannan Afraganach a mheudachadh. Gheall an RA gun toireadh iad 0.7% dhen GDP aca do dhùthchannan fo leasachadh. Tha an RA a' cosg mu £10 billean air cobhair gach bliadhna. Ach tha an riaghaltas air an tabhartas aca a ghearradh gu 0.5% de GDP airson 2021, agus 's dòcha mar sin gun cosg iad nas lugha na £10 billean.
Tha gu math nas lugha de dhùthchannan a-nis an eisimeil cobhair. Mar eisimpleir bha coltas gun robh Ghana gu bhith saor bho chobhair, ach chuir galar mòr-sgaoilte Covid-19 bacadh air an adhartas seo. Thug Banca an t-Saoghail $100 millean do Ghana airson an dùthaich a chuideachadh a' strì ri Covid-19. Chaidh an $100 millean seo a thoirt do riaghaltas agus do mhuinntir Ghana mar thaic sa gheàrr-ùine, sa mheadhan-ùine agus san ùine fhada.
Faochadh bho fhiachan
Tha Aonta Ghleann Eagais air faochadh bho fhiachan a thoirt do 36 dùthaich, a' mhòr-chuid dhiubh seo ann an Afraga. Ach tha na fiachan aig iomadh dùthaich air a dhol suas gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh, le Etiopia agus Uganda nam measg sin.
A rèir Banca Leasachadh Afraga, "Sa gheàrr-ùine, tha dùil gun tèid co-mheas fiachan-ri-GDP suas gu mòr gu còrr is 70 sa cheud, bho 60 sa cheud ann an 2019. Tha dùil gun tèid co-mheas fiachan-ri-GDP suas gu mòr airson 2020 agus 2021 anns a' mhòr-chuid de dhùthchannan Afraga, gu h-àraidh ann an eaconamaidhean a tha stèidhichte gu mòr air stòrasan."