Bochdainn na cruinneSoirbheachas san t-strì an aghaidh bochdainn

Tha mòran de shluagh an t-saoghail beò ann am fìor bhochdainn. Tha buidhnean leithid nan Dùthchannan Aonaichte, cuide ri buidhnean neo-riaghaltasach (NGOs), a' feuchainn ri smachd a chumail air a' chùis.

Part ofNuadh-eòlasBochdainn

Soirbheachas san t-strì an aghaidh bochdainn

Ged a tha trioblaidean mòra fhathast anns an sgìre de dh'Afraga a tha fon Sahara, tha barrachd misneachd agus dòchais aig daoine mu bhith a' strì an aghaidh bochdainn. Tha Afraga am measg nan sgìrean dhen t-saoghail far a bheil daoine a' greimeachadh gu mòr air teicneòlas an là an-diugh. Tha gu bheil cothrom aig daoine air fònaichean-làimhe air buaidh mhòr a thoirt. Tha lùghdachadh air tighinn san àireimh de dhaoine a tha ann am fìor bhochdainn anns gach sgìre fo leasachadh - eadhon fon Sahara ann an Afraga far a bheil a' bhochdainn as miosa. Tha cuid de sgìrean air adhartas nas motha a dhèanamh na sgìrean eile.

Tha Buidheann Slàinte na Cruinne (WHO) air a bhith ag obair cruaidh a' toirt bhanachdaichean do chlann ann an Afraga. Mar thoradh air a seo, tha barrachd chloinne ann an sgoiltean, tha barrachd dhaoine ag obair, agus tha barrachd airgid ga chosg sa mhòr-thìr. Tha seo a' coinneachadh ri iomadh SDG.

A rèir UNICEF, 'cha mhòr sa h-uile h-àite air an t-saoghal, tha cothrom nas fheàrr aig leanabh a thèid a bhreith an-diugh air a bhith beò gu 5 na ann an 1990'. Tha a' WHO ag ràdh, 'Chaidh an reat bàis fo aois còig sìos 61 sa cheud, bho 93 bàsan gach 1,000 breith beò ann an 1990 gu 37 ann an 2020'.