Taic eadar-nàiseanta

Chuir an UN buidhnean speisealta air bhonn a bhiodh a' dèiligeadh le na trioblaidean a th' aig dùthchannan ann an èiginn.
'S e ceithir dhiubh sin:
- Buidheann a' Bhìdh 's an Àiteachais (FAO)
- Prògram Bìdh na Cruinne (WFP)
- Maoin Èiginn Eadar-nàiseanta na Cloinne (UNICEF)
- Buidheann Slàinte na Cruinne (WHO)
Buidheann a' Bhìdh 's an Àiteachais (FAO)
'S e prìomh amas an FAO (Food and Agriculture Organisation) leasachadh a dhèanamh air na tha daoine ann an dùthchannan fo leasachadh a' faighinn de bhiadh math. Tha an FAO a' feuchainn ri seo a dhèanamh tro bhith ag obair le tuathanaich na sgìre ann an oidhirp piseach a thoirt air na modhan obrach a th' aca. Tha obair FAO ag amas air cuideachadh le SDG2 – Gun Sgath Acrais.
Prògram Bìdh na Cruinne (WFP)
Chaidh Prògram Bìdh na Cruinne (World Food Programme) a chur air bhonn leis an FAO agus Seanadh Choitcheann an UN anns na 1960an. Nuair a dh'èireas suidheachadh èiginneach san t-saoghal, bidh iad a' strì ri biadh fhaighinn gu daoine cho luath 's a ghabhas. Tha iad cuideachd an sàs ann an iomadh prògram a tha a' feuchainn ri dèanamh cinnteach nach bi daoine a' fulang le cion a' bhìdh. Tha WFP cuideachd ag amas air cuideachadh le SDG2 – Gun Sgath Acrais.
Choisinn WFP Duais Sìth Nobel ann an 2020. Tha seo air sgàth a' cheangail a tha eadar còmhstri agus acras, agus an t-àite a dh'fhaodas a bhith aig biadh ann an sìth.
Maoin Èiginn Eadar-nàiseanta na Cloinne (UNICEF)

Tha UNICEF (United Nations Children's Fund) ag obair airson piseach a thoirt air beatha chloinne ann an dùthchannan fo leasachadh. Bidh iad a' toirt taic airgid do phrògraman a tha a' pàigheadh airson tidsearan agus goireasan eile a bhios a' toirt cothrom don chloinn a bhith ag ionnsachadh mar a nì iad leughadh agus sgrìobhadh airson gum bi barrachd cothroim aca an slighe fhèin a dhèanamh san t-saoghal. Chan eil UNICEF air a mhaoineachadh leis an UN. Tha iad an urra ri tabhartais shaor-thoileach.
Tha am buidheann ag obair ann an còrr is 190 dùthaich agus bidh iad a' toirt cobhair a tha a' sàbhaladh beatha dhaoine. Tha iad a' cuideachadh le banachdaich ann am Meadhan agus Taobh an Iar Afraga. Faodaidh iad sin cuideachadh gus stad a chur air galaran a ghabhas am bacadh mar A' Chaitheamh, Polio agus Tetanus, bho bhith a' briseadh a-mach. Cuidichidh seo a' coinneachadh ri SGD3 – Slàinte agus Sunnd agus SDG4 – Càileachd ann am Foghlam.
Fhuair UNICEF UK tabhartais de £3.7m aig àm cuirm fosglaidh Geamannan a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu.
Buidheann Slàinte na Cruinne (WHO)
'S e an WHO (World Health Organisation) roinn slàinte nan Dùthchannan Aonaichte. 'S e a' phrìomh amas piseach a thoirt air slàinte dhaoine ann an dùthchannan fo leasachadh. Mar eisimpleir, tha an WHO a' toirt trèanadh do mhuinntir an àite a bhith nan nursaichean agus nan eòlaichean slàinte airson gum bi iad comasach air a bhith a' coileanadh nan obraichean seo nan dùthchannan fhèin. Tha an WHO cuideachd ag obair gus galaran a' sguabadh às.
Chaidh bàsan bho mhailèiria sìos 44% ann an Roinn Afraganach a' WHO, bho 680,000 ann an 2000 gu 386,000 ann an 2019. Anns an aon ùine, chaidh an reat bàis bho mhailèiria sìos 121 gu 40 gach 100,000 dhen t-sluagh a bh' ann an cunnart bhuaithe.