Bochdainn na cruinneAdhbharan airson bochdainn

Tha mòran de shluagh an t-saoghail beò ann am fìor bhochdainn. Tha buidhnean leithid nan Dùthchannan Aonaichte, cuide ri buidhnean neo-riaghaltasach (NGOs), a' feuchainn ri smachd a chumail air a' chùis.

Part ofNuadh-eòlasBochdainn

Adhbharan airson bochdainn

Tha iomadh adhbhar ann airson bochdainn agus tha mòran dhiubh co-cheangailte. 'S e trì dhe na h-adhbharan:

  • strì armaichte
  • droch riaghladh
  • bun-structar truagh
Ìomhaigh ag ràdh gu bheil strì armaichte, droch riaghladh agus bun-structar truagh ag adhbhrachadh bochdainn

Strì armaichte

Nuair a tha còmhstri ann an àite, chan eil am beatha furasta do dhaoine bho latha gu latha. Tha seo a' gabhail a-steach rudan mar tuathanachas, ruith ghnothachasan, a' cleachdadh sheirbheisean leithid foghlam, cùram slàinte, bùithtean agus seirbheisean eile. Tha iad sin uile a' toirt buaidh air teachd-a-steach dhaoine agus eaconamaidh nan dùthchannan ris a bheil iad a' buntainn.

A rèir Buidheann Fhògarrach nan Dùthchannan Aonaichte, b' fheudar do co-dhiù 89.3 millean neach air feadh an t-saoghail an dachaighean fhàgail. Tha seo a' gabhail a-steach faisg air 27.1 millean fògarrach, timcheall air an dara leth dhiubh fo aois 18.

Siria

Tha a' chòmhstri a thòisich ann an Siria ann an 2011 na h-eisimpleir air mar a dh'adhbharaicheas còmhstri bochdainn.

A rèir Banca an t-Saoghail, ann an 2010 b' e $2,748 am ann an Siria. Ro 2018 bha an GDP gach neach air tuiteam gu $1,112.

A rèir an UN, bha 90% de Shirianaich beò ann am bochdainn ann an 2021, le 60 sa cheud dhen t-sluagh ann an cunnart a bhith leis an acras a' bhliadhna sin. Tha clann ann an iomadh teaghlach gan cur a dh'obair an àite dhan sgoil airson 's gun toir iad airgead a-steach dhan teaghlach aca. Le bhith a' call a-mach air foghlam, cha bhi e cho furasta dhaibh obair le pàigheadh nas fheàrr fhaighinn nas fhaide air adhart nam beatha.

Droch riaghladh

Tha maoineachadh airson faochadh fhiachan agus fàs eaconamach na dhuilgheadas mòr. Ach fiù 's le maoineachadh, tha duilgheadasan eile ann a dh'fhaodas bacadh a chur air leasachadh. 'S e coirbeachd aon dhiubh sin.

Poblachd Dheamocrataigeach a' Chongo

Ann an 2019, thuirt an Global Witness gun deach '$750 millean air a' char as lugha a ghluasad bhon riaghaltas' ann am Poblachd Dheamocrataigeach a' Chongo. A rèir Global Witness, "Chan eil e idir soilleir cò air an deach an t-airgead seo a chosg no càit an deach e" ach bha beachd ann bho fhianais a chruinnich am buidheann "gun deach co-dhiù pàirt dhen airgead a sgaoileadh am measg lìonraidhean coirbte". Tha seo a' ciallachadh nach eil uiread de dh'airgead aig an riaghaltas ri chosg air na daoine as bochda a chuideachadh.

Ceinia

Thathar a' coimhead air Ceinia mar thè dhe na dùthchannan as coirbte air an t-saoghal. Tha i san 124mh àite à 178 ann an Indeacs Faireachdainn Coirbteachd Transparency International ann an 2020. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh companaidhean a tha a' gluasad bathar a thèid a dhìth a h-uile sgath dheth a chall ma dhiùltas iad brìbean a phàigheadh. Thuirt riaghaltas Cheinia gu bheil iad 's dòcha a' call faisg air an treas cuid dhen bhuidseat nàiseanta air sgàth coirbeachd.

Droch bhun-structair

Tha droch bhun-structair a' ciallachadh nach urrainnear cus earbsa a chur ann an rudan ann an Afraga agus gu bheil cùisean nas slaodaiche agus nas daoire na bu chòir. Cha e dìreach ròidean ùra a tha a dhìth air Etiòpia ach lìonraidhean ùra leithid puirt-adhair, loidhnichean-rèile, togalaichean-bathair agus siostam dealain ùr a bheir cumhachd don h-uile rud seo. A thuilleadh air an seo, chan eil siostaman uisge no slàintealachd cheart anns na prìomh bhailtean.

Ach, feumaidh dùthchannan leasaichte agus dùthchannan fo leasachadh a bhith nas fheàrr air a bhith a' cumail smachd air pròiseactan mòra cobhair. Tha fada cus coirbeachd air a bhith ann. Chan eilear air a bhith cothromach ann a bhith a' toirt seachad chùmhnantan agus tha uireasbhaidh ann an obair-ghlèidhidh bhun-structair.