Buaidh bochdainn
Cion a' bhìdh
'S e a' bhuaidh as motha a th' aig bochdainn nach bi gu leòr biadh math ann ri ithe. Ann an 2020, bha còrr is 2 bhillean neach aig nach robh biadh math, sàbhailte a dh'itheadh iad.
Tha acras agus gort fhathast nan trioblaidean mòra san sgìre ann an Afraga a tha fon Sahara. Ann an dùthchannan fo leasachadh, tha cha mhòr aonan a-mach às gach còignear phàist fo chòig bliadhna a dh'aois ro aotrom.
Droch thaigheadas
Thathar a' smaointinn gu bheil mu 900 millean neach a-nis a' fuireach ann an slumaichean. Tha seo an taca ris an 760 millean a bha a' fuireach ann an taighean mar seo ann an 2000 agus an 650 millean a bha beò mar seo ann an 1990.
Tha 11% de shluagh an t-saoghail, 783 millean neach, fhathast gun uisge glan ri òl. Tha 70% de shluagh Nigeria às aonais uisge glan agus slàintealachd sam bith.
Cion foghlaim
Tha clann bho na teaghlaichean as bochda trì tursan nas buailtiche gun a bhith a' dol dhan sgoil na clann bho na teaghlaichean as beairtiche. Glè thric, cha bhi comas leughaidh no sgrìobhaidh aig clann nach deach dhan sgoil. Tha seo a' ciallachadh nach bi farsaingeachd chothroman aca a thaobh obraichean agus, le sin, bidh e cha mhòr do-dhèanta dhaibh slighe a-mach à bochdainn a lorg.
A rèir Banca an t-Saoghail, tha còrr is leth dhen chloinn ann an dùthchannan le teachd-a-steach ìosal no meadhanach gun chomas leughaidh agus gun chomas stòiridh shìmplidh a thuigsinn aig deireadh na bun-sgoile.
Droch shlàinte
Tha clann a tha air am breith ann am bochdainn cha mhòr a dhà uimhir nas buailtiche bàsachadh mus ruig iad còig bliadhna a dh'aois na tha clann bho theaghlaichean nas beairtiche.
Mar eisimpleir, bha reat-bhàsan chloinne de 11.5% ann an Somalia, agus 71% dhen t-sluagh a' cosnadh nas lugha na $1.90 san latha, ann an 2020.