Bheactoran geoimeatrachCo-loidhneachd

Bidh bheactoran a' toirt cunntas air gluasad a thaobh cùrsa is meudachd. Faodar an cur-ris no an toirt-air-falbh gus bheactoran ùra a dhèanamh. Lorg an ceàrn eadar bheactoran leis an toradh scalair.

Part ofMatamataigAbairtean agus fuincseanan

Co-loidhneachd

Nuair a bhios tu ag obrachadh ann an trì meudan, chan eil ach aon dòigh air a dhearbhadh gu bheil trì puingean air an aon loidhne (co-loidhneach) agus 's e sin sealltainn gu bheil cùrsa coitcheann ann. Feumaidh tu bheactoran a chleachdadh airson sin.

Seo mar a shealladh tu gu bheil \(A(4,1,3)\), \(B(8,4,6)\) agus \(C(20,13,15)\) co-loidhneach.

An toiseach, tagh dà phìos loidhne le cùrsa comharraichte agus puing choitcheann:

\(\overrightarrow {AB} = \left( \begin{array}{l} 4\\ 3\\ 3 \end{array} \right),\,\overrightarrow {BC} = \left( \begin{array}{l} 12\\ \,\,9\\ \,\,9 \end{array} \right)\)

Sgrìobh aon mar iomad dhen fhear eile:

\(\overrightarrow {BC} = 3\left( \begin{array}{l} 4\\ 3\\ 3 \end{array} \right)\), me \(\overrightarrow {BC} = 3 \times \overrightarrow {AB}\)

agus sgrìobh co-dhùnadh.

Mar sin tha cùrsa coitcheann aig \(\overrightarrow {AB}\) agus \(\overrightarrow {BC}\).

Cuir crìoch air an dearbhadh.

Tha puing choitcheann aig \(\overrightarrow {AB}\) agus \(\overrightarrow {BC}\) Mar sin tha \(A\), \(B\) agus \(C\) co-loidhneach.

Question

Ma tha \(\overrightarrow {PR} = \left( \begin{array}{l} \,\,\,\,\,5\\ - 1\\- 2 \end{array} \right),\,\overrightarrow {QR} = \left( \begin{array}{l} - 5\\ \,\,\,\,\,1\\ \,\,\,\,\,2 \end{array} \right)\) seall gu bheil \(P\),\(Q\) agus \(R\) co-loidhneach.