Sgilean staitistigsClàran-cearcaill

Cleachdaidh sinn grafaichean is clàran gus òrdugh a chur air dàta. Faodar staitistearachd a chleachdadh gus anailis a dhèanamh air dàta amh, no dàta air a chur còmhla gus cuibheasan obrachadh a-mach.

Part ofMatamataigStaitistearachd

Clàran-cearcaill

Tha e furasta clàran-cearcaill a tharraing ma chuimhnicheas sinn air rudeigin glè chudromach agus 's e sin gu bheil 360 ceum mu chuairt meadhan cearcaill. Bidh sinn a' roinn seo gus na diofar uireadan a shealltainn.

Eisimpleir

Seo eisimpleir le toraidhean a tha a' sealltainn far an deach buidheann sgoilearan airson nan saor-làithean.

Tha na toraidhean ann an ceudadan agus feumaidh sinn an atharrachadh gu ceuman agus an tarraing.

Tha na toraidhean gu h-ìosal:

DùthaichCeudad de sgoilearan (%)ObrachadhCeàrn
An Spàinn40\(\frac{{40}}{{100}} \times 360^\circ\)\(144^\circ\)
Ameireaga25\(\frac{{25}}{{100}} \times 360^\circ\)\(90^\circ\)
An Fhraing5\(\frac{{5}}{{100}} \times 360^\circ\)\(18^\circ\)
Alba20\(\frac{{20}}{{100}} \times 360^\circ\)\(72^\circ\)
A' Ghrèig10\(\frac{{10}}{{100}} \times 360^\circ\)\(36^\circ\)
DùthaichAn Spàinn
Ceudad de sgoilearan (%)40
Obrachadh\(\frac{{40}}{{100}} \times 360^\circ\)
Ceàrn\(144^\circ\)
DùthaichAmeireaga
Ceudad de sgoilearan (%)25
Obrachadh\(\frac{{25}}{{100}} \times 360^\circ\)
Ceàrn\(90^\circ\)
DùthaichAn Fhraing
Ceudad de sgoilearan (%)5
Obrachadh\(\frac{{5}}{{100}} \times 360^\circ\)
Ceàrn\(18^\circ\)
DùthaichAlba
Ceudad de sgoilearan (%)20
Obrachadh\(\frac{{20}}{{100}} \times 360^\circ\)
Ceàrn\(72^\circ\)
DùthaichA' Ghrèig
Ceudad de sgoilearan (%)10
Obrachadh\(\frac{{10}}{{100}} \times 360^\circ\)
Ceàrn\(36^\circ\)

Mar sin, seo mar a tha an clàr-cearcaill:

Pie chart showing holiday destinations by popularity