Coltachd
Le coltachd, bidh sinn a' tomhas dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin – mar eisimpleir, nuair a shadas tu dìsinn no bonn airgid.
Bidh sinn tric a' cleachdadh fhaclan airson innse dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin.
Mar eisimpleir, 's dòcha gun can sinn gu bheil e coltach gum bi i grianach a-màireach, no nach eil e glè choltach gum bi sneachd againn san Lùnastal.
Coimhead air na seantansan gu h-ìosal agus smaoinich a bheil gach nì:
- cinnteach
- coltach
- cothromach (chan eil e coltach no neo-choltach)
- neo-choltach
- do-dhèante
Question
- Ma cheannaicheas tu tiogaid crannchuir, gheibh thu an duais as motha
- Ma thilgeas tu bonn airgid, gheibh thu an ceann
- Bidh an Nollaig ann air 25 Dùbhlachd am-bliadhna
- Fàsaidh sròn eile ort
- Bidh an t-uisge ann sa chiad sheachdain dhen Dùbhlachd.
- Ma cheannaicheas tu tiogaid crannchuir, gheibh thu an duais as motha - Neo-choltach
- Ma thilgeas tu bonn airgid, gheibh thu an ceann - Teansa chothromach
- Bidh an Nollaig ann air 25 Dùbhlachd am-bliadhna - Cinnteach
- Fàsaidh sròn eile ort - Do-dhèante
- Bidh an t-uisge ann sa chiad sheachdain dhen Dùbhlachd - Coltach.
Ach 's dòcha nach bi faclan mar 'cinnteach', 'coltach', agus eile, a' ciallachadh an aon rud dhan h-uile duine.
Feumaidh sinn a bhith nas mionaidiche mu dheidhinn dè cho coltach 's a tha e gun tachair rudeigin (a' bhuil).
Faodaidh luach eadar 0 (do-dhèante) agus 1 (cinnteach) a bhith aig a' choltachd aig buil.
Faodar a sgrìobhadh mar bhloigh, mar bhloigh dheicheach no mar cheudad.
Obraichidh sinn a-mach luach airson na coltachd leis an fhoirmle:
\(\text{Coltachd buil =} \frac{{\text{gach dòigh sam faodadh buil tachairt}}}{{\text{àireamh iomlan de bhuilean comasach}}}\)
Tha eisimpleirean de thachartasan sa chlàr gu h-ìosal agus mar a ghabhas a' choltachd aca obrachadh a-mach.
| Tachartas | Buil | Dòighean air a' bhuil seo fhaighinn | Àireamh iomlan de bhuilean comasach | Coltachd na buil |
| A' sadail dìsinn chothromach, le 6 taobhan | Gum faigh thu àireamh chòrr | 3 | 6 | \(\frac{3}{6} = \frac{1}{2}\) |
| A' sadail bonn airgid cothromach | Gum faigh thu 'earball' | 1 | 2 | \(50\%\) |
| A' taghadh cairt-chluiche à pac gun choimhead | Gum faigh thu spaidean | 13 | 52 | \(\frac{13}{52} = \frac{1}{4}\) |
| A' taghadh cairt-chluiche à pac gun choimhead | Gur e 'deich' a bhios sa chairt | 4 | 52 | \(\frac{4}{52} = \frac{1}{13}\) |
| A' sadail dìsinn chothromach, le 6 taobhan | Gum faigh thu àireamh nas lugha na 5 | 4 | 6 | \(\frac{4}{6} = \frac{2}{3}\) |
| Tachartas | A' sadail dìsinn chothromach, le 6 taobhan |
|---|---|
| Buil | Gum faigh thu àireamh chòrr |
| Dòighean air a' bhuil seo fhaighinn | 3 |
| Àireamh iomlan de bhuilean comasach | 6 |
| Coltachd na buil | \(\frac{3}{6} = \frac{1}{2}\) |
| Tachartas | A' sadail bonn airgid cothromach |
|---|---|
| Buil | Gum faigh thu 'earball' |
| Dòighean air a' bhuil seo fhaighinn | 1 |
| Àireamh iomlan de bhuilean comasach | 2 |
| Coltachd na buil | \(50\%\) |
| Tachartas | A' taghadh cairt-chluiche à pac gun choimhead |
|---|---|
| Buil | Gum faigh thu spaidean |
| Dòighean air a' bhuil seo fhaighinn | 13 |
| Àireamh iomlan de bhuilean comasach | 52 |
| Coltachd na buil | \(\frac{13}{52} = \frac{1}{4}\) |
| Tachartas | A' taghadh cairt-chluiche à pac gun choimhead |
|---|---|
| Buil | Gur e 'deich' a bhios sa chairt |
| Dòighean air a' bhuil seo fhaighinn | 4 |
| Àireamh iomlan de bhuilean comasach | 52 |
| Coltachd na buil | \(\frac{4}{52} = \frac{1}{13}\) |
| Tachartas | A' sadail dìsinn chothromach, le 6 taobhan |
|---|---|
| Buil | Gum faigh thu àireamh nas lugha na 5 |
| Dòighean air a' bhuil seo fhaighinn | 4 |
| Àireamh iomlan de bhuilean comasach | 6 |
| Coltachd na buil | \(\frac{4}{6} = \frac{2}{3}\) |