An raon sgapaidh
An raon
'S e an raon aon dòigh air tomhas a dhèanamh air dè cho sgapte 's a tha na h-àireamhan.
'S e an raon an diofar eadar na h-àireamhan as motha agus na h-àireamhan as lugha.
Seo toraidhean Chiarain a-rithist:
10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9 agus 12.
'S e 14 an àireamh as motha a th' aig Ciaran, agus 's e 9 an àireamh as lugha.
Mar sin, 's e an raon 14 - 9 = 5.
Gus an raon aig seata àireamhan a lorg, feumaidh tu:
- an àireamh as lugha a lorg
- an àireamh as motha a lorg
- an àireamh as lugha a thoirt-air-falbh bhon àireamh as motha
- fios a bhith agad gur e an raon a chanar ris an diofar eadar an àireamh as motha agus àireamh as lugha.
Question
Dè an raon aig an t-seata-àireamhan seo?
5, 8, 3, 6, 2, 8, 6, 9, 3
An àireamh as lugha = 2
An àireamh as motha = 9
An raon = 9 – 2 = 7