Cuibheasan
Gus co-dhùnaidhean a dhèanamh bho dhàta, tha e feumail cuibheasan obrachadh a-mach.
Tha cuibheas a' sealltainn luach meadhain seata dàta agus 's iad na prìomh sheòrsachan cuibheasAn luach as fheàrr a riochdaicheas seata-dàta. Tha trì seòrsaichean cuibheis ann - an cuibheas, am meadhan agus am mòd., meadhan'S e am meadhan an luach sa mheadhan, an dèidh an dàta a chur ann an òrdugh a rèir meud. agus mòd'S e am mòd an nì leis an tricead as motha. .
Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh bhon dàta le bhith a' toirt tomhas air an sgapadh.
Ag obrachadh a-mach chuibheasan (cuibheas, meadhan agus mòd)
Feumaidh Ciaran an àireamh thragan air gach clàr ciùil a th' aige a sgrìobhadh mar phàirt de phròiseact sgoile. Seo na toraidhean aige:
10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9 agus 12.
An cuibheas
'S e am meadhan an dòigh as cumanta air cuibheas a thomhas. Ma dh'iarras tu air cuideigin cuibheas obrachadh a-mach, seo an dòigh as trice a chleachdas iad.
B' e toraidhean Chiarain:
10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9 agus 12.
Gus am meadhan obrachadh a-mach, cuir-ris na h-àireamhan agus roinn leis an àireimh de dh'àireamhan a th' ann.
San eisimpleir seo 's e am meadhan:
\(\frac{{10 + 14 + 10 + 12 + 11 + 10 + 11 + 12 + 10 + 11 + 9 + 2}}{{11}} = \frac{{132}}{{11}} = 11\)
Question
Cheannaich saor 7 pacaidean thàirngean. B' e an àireamh thàirngean anns gach pacaid:
8, 7, 6, 7, 9, 8, 7
Obraich a-mach àireamh mheadhain nan tàirngean anns gach pacaid. (Thoir do fhreagairt gu 2 ionad deicheach)
Àireamh iomlan thàirngean = 8 + 7 + 6 + 7 + 9 + 8 + 7 = 52
Àireamh phacaidean = 7
Meadhan = \(\frac{52}{7}\)= 7.43
A' lorg a' chuibheis bho chlàr-tricead
Ma chuireas tu toraidhean (dàta) Chiarain ann an clàr-triceid, seo mar a bhios e.
| Àireamh thragan air clàr | Àireamh chlàir (Tricead) |
| 9 | 1 |
| 10 | 4 |
| 11 | 3 |
| 12 | 3 |
| 13 | 0 |
| 14 | 1 |
| Àireamh thragan air clàr | 9 |
|---|---|
| Àireamh chlàir (Tricead) | 1 |
| Àireamh thragan air clàr | 10 |
|---|---|
| Àireamh chlàir (Tricead) | 4 |
| Àireamh thragan air clàr | 11 |
|---|---|
| Àireamh chlàir (Tricead) | 3 |
| Àireamh thragan air clàr | 12 |
|---|---|
| Àireamh chlàir (Tricead) | 3 |
| Àireamh thragan air clàr | 13 |
|---|---|
| Àireamh chlàir (Tricead) | 0 |
| Àireamh thragan air clàr | 14 |
|---|---|
| Àireamh chlàir (Tricead) | 1 |
Dh'fhaodamaid cuibheas nan toraidhean aige a lorg san dòigh seo.
| Àireamh thragan air clàr | Tricead | Tragan x Tricead |
| 9 | 1 | 9 |
| 10 | 4 | 40 |
| 11 | 3 | 33 |
| 12 | 3 | 36 |
| 13 | 0 | 0 |
| 14 | 1 | 14 |
| Iomlan = 12 | Iomlan = 132 |
| Àireamh thragan air clàr | 9 |
|---|---|
| Tricead | 1 |
| Tragan x Tricead | 9 |
| Àireamh thragan air clàr | 10 |
|---|---|
| Tricead | 4 |
| Tragan x Tricead | 40 |
| Àireamh thragan air clàr | 11 |
|---|---|
| Tricead | 3 |
| Tragan x Tricead | 33 |
| Àireamh thragan air clàr | 12 |
|---|---|
| Tricead | 3 |
| Tragan x Tricead | 36 |
| Àireamh thragan air clàr | 13 |
|---|---|
| Tricead | 0 |
| Tragan x Tricead | 0 |
| Àireamh thragan air clàr | 14 |
|---|---|
| Tricead | 1 |
| Tragan x Tricead | 14 |
| Àireamh thragan air clàr | |
|---|---|
| Tricead | Iomlan = 12 |
| Tragan x Tricead | Iomlan = 132 |
Nuair a roinneas sinn an dà shùim iomlan mar seo:
Cuibheas = \(\frac{132}{12}\) = 11 trag.