Sgilean staitistigsAm meadhan

Cleachdaidh sinn grafaichean is clàran gus òrdugh a chur air dàta. Faodar staitistearachd a chleachdadh gus anailis a dhèanamh air dàta amh, no dàta air a chur còmhla gus cuibheasan obrachadh a-mach.

Part ofMatamataigStaitistearachd

Am meadhan

Seo an àireamh sa mheadhan, mar a shaoileadh tu. Gus àireamh mheadhain seata àireamhan sam bith obrachadh a-mach, feumaidh tu na h-àireamhan a sgrìobhadh ann an òrdugh.

Gus an àireamh mheadhain a lorg:

  • cuir na h-àireamhan gu lèir ann an òrdugh àireamhach
  • ma tha àireamh nan toraidhean còrr, 's e an àireamh sa mheadhan am meadhan
  • ma tha àireamh nan toraidhean cothromach, bidh am meadhan letheach eadar an dà àireimh sa mheadhan

A' lorg a' mheadhain le àireamh chòrr de thoraidhean

Question

Lorg meadhan an t-seata àireamhan seo.

21, 23, 27, 19, 24, 22, 24

Question

Lorg meadhan an t-seata àireamhan seo.

4, 6, 8, 3, 8, 4, 7

A' lorg a' mheadhain le àireamh chothromach de thoraidhean

Gus meadhan nan àireamhan seo a lorg: 5, 11, 12, 4, 8, 21

Cuir na toraidhean ann an òrdugh: 4, 5, 8, 11, 12, 21

Lorg an dà àireimh sa mheadhan: 4, 5, 8, 11, 12, 21

Feumaidh sinn an luach a tha letheach eatarra a lorg.

Mar sin 's e am meadhan: \((8+11)\div 2 = 9.5\)

Question

Lorg meadhan an t-seata àireamhan seo

16, 21, 13, 14, 18, 12, 20, 18, 21, 14

A' lorg a' mheadhain bho chlàr-triceid

Seo toraidhean Chiarain ann an clàr-triceid.

Àireamh thragan air clàrTricead
91
104
113
123
130
141
Àireamh thragan air clàr9
Tricead1
Àireamh thragan air clàr10
Tricead4
Àireamh thragan air clàr11
Tricead3
Àireamh thragan air clàr12
Tricead3
Àireamh thragan air clàr13
Tricead0
Àireamh thragan air clàr14
Tricead1

Bhon chlàr, obraichidh sinn a-mach an àireamh iomlan de chlàran:

\(1 + 4 + 2 + 3 + 0 + 1 = 12\) clàran

Bhon a tha na toraidhean ann an clàr, tha iad mar-thà ann an òrdugh dhuinn. Tha 12 toradh an seo. Tha am meadhan eadar an 6mh agus an 7mh toradh.

Bidh sinn a' coimhead air a' cholbh-triceid agus ag obrachadh a-mach cuin a tha an tricead tionalach a' dol seachad air an t-siathamh agus air an t-seachdamh toradh. (Tha mìneachadh air tricead tionalach air duilleag 2.)

'S e 1 an tricead tionalach aig a' chiad shreath.

'S e 5 an tricead tionalach aig an dàrna shreath.

'S e 8 an tricead tionalach aig an treas sreath.

Tha an treas sreath a' dol seachad air an 6mh agus air an 7mh toradh agus mar sin feumaidh gu bheil am meadhan a-staigh an sin.

'S e 11 tragan am meadhan.

San fharsaingeachd: ma tha \(n\) toradh ann, 's e an toradh \((n+1)\div2\) am meadhan.

Mar eisimpleir:

Airson 5 àireamhan, 's e (5 + 1) ÷ 2 = 3mh toradh agus sin am meadhan.

Airson 6 àireamhan, 's e (6 + 1) ÷ 2 = 3.5mh toradh agus sin am meadhan (eadar an 3mh agus an 4mh).

Question

Lorg àireamh-mheadhain nan tragan air clàran Sùsaidh

Àireamh thragan air clàranTricead
63
70
82
91
103
114
122
Àireamh thragan air clàran6
Tricead3
Àireamh thragan air clàran7
Tricead0
Àireamh thragan air clàran8
Tricead2
Àireamh thragan air clàran9
Tricead1
Àireamh thragan air clàran10
Tricead3
Àireamh thragan air clàran11
Tricead4
Àireamh thragan air clàran12
Tricead2