Rèis dhan fhànais

Yuri Gargarin, a' chiad duine a chaidh dhan fhànas
Bha na SA agus an USSR a' farpais mu rannsachadh fànais. Bha sin a' gabhail a-steach an fhànas a rannsachadh le saidealan fuadain, daoine a chur dhan fhànas agus daoine a chur air a' ghealaich.
Ann an 1958, stèidhich na SA Buidheann Nàiseanta airson Adhar-sheòladh agus Riaghladh Fànais, (NASA: National Aeronautics and Space Administration) airson am prògram fànais aca a leasachadh. Ann an 1957, chuir na Sòbhietich air falbh Sputnik, a' chiad shaideal a chaidh dhan fhànas.
A' chiad duine a chaidh dhan fhànais
Chuir na Sòbhietich cuideachd a' chiad duine, Yuri Gargarin, dhan fhànas agus chuir e cuairt mun Talamh sa Ghiblean, 1961.
A' chiad duine a chaidh chun na gealaich
B' e na SA a' chiad dùthaich a chuir duine chun ghealaich ann an 1969.

Sputnik, a' chiad shaideal Sòbhieteach a shoirbhich