Dìon an aghaidh ionnsaigh niùclasach
Teòiridh Sgrios Cinnteach a Chèile (MAD: Mutually Assured Destruction)
Bha fios aig an dà thaobh nan toireadh taobh seach taobh ionnsaigh gun loisgeadh an taobh eile buill-airm niùclasach air ais mus buaileadh na h-urchraichean aca. Dhèanadh sin sgrios uabhasach air an dà dhùthaich agus air na caidrich aca. B' e am beachd a bh' ann gun cuireadh seo bacadh air an dà thaobh bho ionnsaigh a thoirt air a chèile.
Buaidh Rèis nam Ball-airm
Buaidh air airgead
Ann an 1953, bha na SA a' cosg $50 billean air rèis nam ball-airm agus bha an USSR a' cosg $25 billean. Bha na SA air na bha iad a' cosg a dhùblachadh gach bliadhna eadar 1949 agus 1953.
Dàimhean eadar-nàiseanta
Bha cùisean air fàs gu math teann air sgàth 's gun robh barrachd de chunnart ann bho sgrios niùclasach. B' e cho teann 's a bha cùisean pàirt dhen adhbhar airson Èiginn U2 (1960) agus Èiginn Urchraichean Chuba (1962).