Adhbharan airson a’ Chogaidh FhuairTachartasan rè rèis nam ball-airm

An dèidh an Dara Cogaidh bha Cogadh Fuar ann ri linn bheachdan eaconamach is poilitigeach nan SA is nan USSR. Bha NATO is Aonta Warsaw stèidhichte. Bha rèis nam ball-airm is an fhànais eatarra.

Part ofEachdraidhAn Cogadh Fuar

Tachartasan rè rèis nam ball-airm

BliadhnaLeasachadh nam Ball-airm
1949Rinn an USSR deuchainn air a' chiad Bhom Atamach aca
1952Rinn na SA deuchainn air a' chiad Bhom Haidridean aca
1953Rinn an USSR deuchainn air a' chiad Bhom Haidridean aca
1957Rinn an USSR deuchainn air a' chiad Urchair Bhailistig Eadar-mhòr-roinneil
1957Rinn na SA deuchainn air a' chiad Urchair Bhailistig Eadar-mhòr-roinneil
Bliadhna1949
Leasachadh nam Ball-airmRinn an USSR deuchainn air a' chiad Bhom Atamach aca
Bliadhna1952
Leasachadh nam Ball-airmRinn na SA deuchainn air a' chiad Bhom Haidridean aca
Bliadhna1953
Leasachadh nam Ball-airmRinn an USSR deuchainn air a' chiad Bhom Haidridean aca
Bliadhna1957
Leasachadh nam Ball-airmRinn an USSR deuchainn air a' chiad Urchair Bhailistig Eadar-mhòr-roinneil
Bliadhna1957
Leasachadh nam Ball-airmRinn na SA deuchainn air a' chiad Urchair Bhailistig Eadar-mhòr-roinneil

Leasachadh niùclasach

Bha an dà thaobh a' farpais ri chèile gus barrachd bhomaichean a bhith aca. Dh'fheuch iad cuideachd ri bomaichean na bu chumhachdaiche a chruthachadh (faic an clàr gu h-àrd).

Bha na SA dhen bheachd gun robh 'Beàrn Urchraichean' ann sna 1950an agus chosg iad barrachd is barrachd airgid ann a bhith a' feuchainn ri 'beireachdainn' air an taobh eile.

Siostaman losgaidh

B' e bomairean a bha a' losgadh a' chiad Bhomaichean Atamach, ach bha iad sin uaireannan gu math slaodach agus furasta ionnsaigh a thoirt orra. Cuideachd dh'fheumadh ionadan-adhair a bhith air feadh an t-saoghail.

Thòisich an dà chuid an USSR agus na SA a' leasachadh teicneòlas urchraichean a chuireadh rocaidean dhan fhànas. Bha sin a' ciallachadh gur dòcha gum biodh dòighean ùra ann air buill-airm niùclasach a losgadh.