Tachartasan rè bacadh-malairt Bherlin

Bha uallach air Stalin mu shàbhailteachd an USSR. Dhùin e gach slighe air an talamh ann am Berlin air 24 Ògmhios 1948. Bha e an dòchas gun toireadh sin air na Caidrich an smachd a bh' aca air Berlin a leigeil seachad.
Cobhair-adhair Bherlin
Cha robh dòigh air faighinn gu sònaichean nan Caidreach ann am Berlin ach air plèan.
Mhair Cobhair-adhair Bherlin fad aona mìos deug. Thug iad a-steach na milleanan thunnaichean de bhiadh, de chonnadh agus de bhathar eile.
Dh'fheuch Stalin ri toirt air muinntir Bherlin clàradh airson bathar Sòbhieteach san ear – ach b' e glè bheag a dh'aontaich. Air 12 Cèitean 1949, an dèidh 318 làithean, chuir Stalin stad air a' bhacadh-malairt.
Buaidh bacadh-malairt Bherlin
Bha a' Ghearmailt air a roinn gu 1990. Ann an 1949 dh'aonaich na trì sònaichean an iar agus chaidh a' Ghearmailt an Iar a chruthachadh. San Dàmhair 1949, chruthaich an USSR a' Ghearmailt an Ear.
Bha Berlin glaiste ann an sgìre a bha fo smachd an USSR. Bha Berlin cuideachd air a sgaradh.
Bha loidhnichean-aghaidh a' Chogaidh Fhuair a-nis san Roinn Eòrpa. Air sgàth sin chaidh caidreachasan armailteach, NATO (North Atlantic Treaty Organization) agus Aonta Warsaw a stèidheachadh.