An Cogadh Fuar

Part ofEachdraidh

  • An Cogadh Fuar

    • Adhbharan airson a’ Chogaidh Fhuair

      An dèidh an Dara Cogaidh bha Cogadh Fuar ann ri linn bheachdan eaconamach is poilitigeach nan SA is nan USSR. Bha NATO is Aonta Warsaw stèidhichte. Bha rèis nam ball-airm is an fhànais eatarra.

    • Far an robh cunnart

      Sna 1950an agus tràth sna 1960an, chaidh an dàimh eadar na SA agus an t-Aonadh Sòbhieteach bhuaithe. Bha iad an impis a dhol a chogadh air sgàth grunn nithean a thachair, mar Ar-a-mach na h-Ungaire.

    • Cogadh Bhietnam

      Bha na SA an sàs ann a’ Bhietnam oir bha eagal orra mu chomannachas. Seach nach do rinn na SA a’ chùis air na Bhietcong, is barrachd an aghaidh a’ chogaidh aig an taigh, chaill iad an cogadh.

    • Dàimhean ag atharrachadh eadar na mòr-chumhachdan

      Sna 60an is 70an, bha na SA is an USSR airson dàimh na b’ fheàrr eatarra. Air sgàth co-obrachadh, agus seach gun tug Gorbachev leasachadh air an USSR, thàinig an Cogadh Fuar gu crìch mu dheireadh.