Leasachaidhean gus an t-obair-chlas a chuideachadh
Achd Airgead-dìolaidh an Luchd-obrach, 1906
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
Gheibheadh a h-uile neach-obrach a-nis airgead-dìolaidh nan deigheadh an leòn aig an obair.
Dìth soirbheachaidh:
- B' e deagh bheachd a bh' ann ach bha e doirbh agus cosgail dleastanas an fhastaidheir a dhearbhadh.
- Bha mòran shuidheachaidhean nach b' urrainn an toirt gu cùirt às aonais taic nan Aonaidhean Ciùird.
Achd Riaghailtean nam Mèinnean Guail, 1908
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
Chan fhaodadh mèinnearan barrachd air 8 uairean a thìde obrachadh san latha.
Dìth soirbheachaidh:
Bha e a' buntainn ri mèinnearan a-mhàin; cha robh ri luchd-obrach eile.
Achd nam Bòrd Malairt, 1909
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- Bùird air an stèidheachadh gus am pàigheadh a b' ìsle a b' urrainn a chosnadh a chur air dòigh ann an obair dèanamh bhogsaichean, lios, sèinneachan agus ann an tàillearachd.
- Na bhuannachd do 200,000 neach-obrach.
Dìth soirbheachaidh:
Cha deach 'am pàigheadh a b' ìsle a b' urrainn a chosnadh' a mhìneachadh.
Achd nam Bùithtean, 1911
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- Bha luchd-obrach nam bùithtean a' faighinn leth latha dheth gach seachdain.
- Chan fhaodadh luchd-obrach nam bùithtean barrachd air 60 uair a thìde obrachadh san t-seachdain.
- Dh'fheumadh goireasan nighe a bhith anns gach bùth.
Dìth soirbheachaidh:
B' e dìreach leth latha a bh' ann agus cha b' e latha slàn.