Eadar 1906 agus 1914 rinn an Riaghaltas Libearalach corra leasachadh gus feuchainn ri bochdainn a lùghdachadh.
Bha iad a' feuchainn ris nan a daoine a leanas a chuideachadh leis na leasachaidhean:
daoine òga
seann daoine
daoine tinn
daoine gun obair
an t-obair-chlas
Seo na thuirt Winston Churchill mu amas nan Libearalach: Ma chì sinn duine a' bàthadh, cha bhi sinn ga tharraing chun a' chladaich. Bidh sinn a' toirt cuideachadh dha airson gun tèid aige air snàmh gu tìr.
Bha sin a' ciallachadh gun robh na Libearalaich a' feuchainn ri cuideachadh a thoirt do dhaoine bochda airson gun cuidicheadh iad iad fhèin.