Leasachaidhean gus daoine òga a chuideachadh
Achd an Fhoghlaim (Solar Bìdh), 1906
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- Biadh sgoile an-asgaidh dhan h-uile duine.
- Chaidh an àireamh a' gabhail biadh sgoile suas bho 9 millean gu 14 millean ann an 1914.
- Fhuair ùghdarrasan ionadail taic-airgid bho Roinn an Ionmhais a phàigheadh 50% de chosgais a' bhìdh.
- Cha robh buidhnean carthannais a-nis an sàs ann.
Dìth soirbheachaidh:
- Ann an 1914, bha iomadh ùghdarras ionadail nach robh fhathast a' toirt seachad biadh sgoile.
- Bha slàinte na cloinne a' dol bhuaithe a-rithist sna saor-làithean.
- Bha e cosgail dhan riaghaltas.
Achd an Fhoghlaim (Rianachd), 1907
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- Sgrùdaidhean meadaigeach do chlann-sgoile.
- Cead aig bùird-sgoile gluasad an aghaidh phàrantan a chuireadh clann dhan sgoil ann an droch staid.
- Leigheas meadaigeach an-asgaidh ga thoirt do chlann-sgoile an dèidh 1912.
Dìth soirbheachaidh:
Cha robh leigheas an-asgaidh ri fhaotainn gu 1912. Fiù 's an uair sin bha iomadh ùghdarras ionadail nach robh ga dhèanamh.
Achd na Cloinne (Cùmhnant na Cloinne), 1908
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- Bha clann air an casg bho bhith ag iarraidh dèirce.
- Bha peanas a' dol air bùithtean a bha reic tombaca no deoch-làidir ri clann.
- Chaidh Cùirtean Òigridh agus borstals a stèidheachadh gus inbhich agus clann a bha nan eucoraich a chumail air leth.
- Chaidh cur às do bhinn bàis do chlann.
Dìth soirbheachaidh:
- Glè bheag de shoirbheachadh le tombaca agus deoch-làidir, fiù 's an-diugh.
- Cha do rinn Cùmhnant na Cloinne mòran airson dèiligeadh ri adhbharan airson eucoir òigridh.