Leasachaidhean gus daoine gun obair a chuideachadh
Achd nan Ionadan-obrach, 1909
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
- Oifisean gus daoine gun obair a chuideachadh a' lorg obair.
- Bha 430 Ionad-obrach air fosgladh ann an 1913.
- Bha 3,000 duine san latha a' faighinn obair ann an 1914.
Dìth soirbheachaidh:
Chan fheumadh fastaidhearan obraichean bàn a chlàradh.
Achd an Àrachais Nàiseanta Pàirt 2, 1911
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
An dèidh aon sheachdain, nan cailleadh neach-obrach le àrachas obair, gheibheadh e 7 tastain san t-seachdain airson 15 seachdainean.
Airson sin fhaighinn, bha luchd-obrach a' pàigheadh 2.5d san t-seachdain, fastaidhearan 2d san t-seachdain, agus an stàit 3d san t-seachdain.
Bha mòran chiùird an sàs ann, me gàrraidhean-iarainn, innleadaireachd meacanaigeach, togail, fùirneisean iarainn, muilnean sàbhaidh. Dh'fheumadh na ciùird sin a bhith anns an sgeama.
Dìth soirbheachaidh:
- Cha robh duine air a chòmhdach ach airson greis, a rèir na bha air a phàigheadh a-steach. An dèidh sin dh'fheumaist Lagh nam Bochd a chleachdadh.
- Nan deidheadh an neach-obrach a chur às obair airson droch dhol-às, chan fhaigheadh e sochairean.
- Cha robh cuideachadh ann do theaghlach an neach-obrach.
- Cha robh àrachas ri fhaotainn ach ann an cuid de chiùird.
- Bha e ro dhaor dhan riaghaltas an dèidh a' Chiad Chogaidh.