Leasachaidhean gus daoine tinn a chuideachadh
Achd an Àrachais Nàiseanta Pàirt 1, 1911
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
A' toirt àrachas slàinte do luchd-obrach a bha a' cosnadh nas lugha na £160 sa bhliadhna.
Bha an neach-obrach:
- A' pàigheadh 4d. Bha am fastaidhear a' pàigheadh 3d agus an stàit 2d – airson sochair tinneis de 9 tastain.
- Ma bha e tinn, bha an neach-obrach a' faighinn 10 tastain, airson suas ri 13 seachdainean, an uair sin 5 tastain airson 13 seachdainean eile.
- A' faighinn leigheas meadaigeach an-asgaidh.
- A' faighinn 30 tastan sochair màthaireil.
Dìth soirbheachaidh:
- An dèidh 26 seachdainean far d' obair bha sochairean gan call agus dh'fheumadh Lagh nam Bochd an aire a thoirt air an neach-obrach.
- Cha robh cuideachadh ann do theaghlach an neach-obrach.
- Bha mòran an aghaidh gun robh aca ri rud a phàigheadh iad fhèin. Ach cha robh roghainn eile ann.