Cliog air àite air a' mhap airson gnìomh a thòiseachadh. Cuidichidh ball de Na Saoranaich thu agus innsidh iad dhut an uairsin mun duilgheadas a tha ri fhuasgladh.
A' Logadh A-steach
Chan urrainn dhan neach-cleachdaidh adhartas a shàbhaladh gus an log e a-steach. Feumar cunntas, a thèid a chumail air a' choimpiutair air a bheilear ag obair, a chruthachadh. Tagh ainm sònraichte agus cleachd e airson an cunntas a luchdachadh gach uair an dèidh seo.
Dubh às cunntas sònraichte no na cunntasan uile air a' choimpiutair le bhith a' dol gu duilleag riaghlaidh nan cunntasan.
A' Cruthachadh Caractar
Tha an caractar seo a' riochdachadh an neach-cleachdaidh sa ghèam. Tagh:
• ainm
• àite
• gnè
• dath craicinn
• còmhdach cinn
• dath is stoidhle fuilt
• aodach, brogan is sgeadachaidhean.
Aon uair 's gu bheil an neach-cleachdaidh toilichte leis a' charactar, nì e cliog air an t-saighead-tòiseachaidh.
Gluasad
Gluais an caractar le bhith a' cliogadh air àite sam bith far an atharraich a' chuileag gu paidhir bhrògan. Gluais gu àite faisg air làimh le bhith a' gluasad a' chursair gu oirean na sgrion. Cleachd am map airson a dhol bho àite gu àite.
Map
Cliog air ìomhaigh a' mhapa gus map leudachail den ghnìomh ghnàthaichte fhaicinn. Tha rionnag a' comharrachadh an àite aig a bheil thu. Gluais gu ceàrnaig eile le bhith a' cliogadh oirre. Tha am map cuideachd a' sealltainn far a bheil na caractaran a tha a' cur feum air cuideachadh is riarachadh airson crìoch a chur air a' ghnìomh.
Caractaran
Tha na caractaran a tha a' cur feum air cuideachadh is riarachadh a' nochdadh aig mullach na sgriona. Tha inneal-tomhais an toileachais a tha ri taobh gach neach a' sealltainn dè cho sona 's a tha iad agus tha fiamh an aodainnean cuideachd ga shealltainn. Freagraidh iad atharrachaidhean a thèid a dhèanamh mar a bhios an gèam a' dol air adhart.
Tha na caractaran sin cuideachd a' nochdadh sa ghèam fhèin. Cliog orra gus faighinn a-mach dè bhiodh iad fhèin airson fhaicinn a' tachairt. Tha gach ceàrnag dhearg sa bhuilgean cainnte a' riochdachadh rudeigin a tha iad airson a ràdh.
Nuair a nochdas am ball den sgioba a thug fiosrachadh mun duilgheadas an àite a' mhapa, cliog air no oirre gus comhairle fhaighinn.
A' Dèanamh Leasachaidhean
• Cuir rudan ùra bhon chlàr-pheantaidh air an làimh chlì an àite nan rudan briste.
• Tha an cursair le òrd is spanair a' sealltainn gun gabh rudan a chur nan àite.
• Tha an cursair le clisg-phuing a' sealltainn gur e soidhne a th' ann a ghabhas ri soidhne ùr.
• Cliog air an rud a tha dol a dh'fhalbh is an uairsin air an rud tha dol na àite.
• Airson rud a chaidh a thoirt a-steach a dhubhadh às, cliog air, agus an uairsin cliog air a' phutan ghlas leis a' chrois ghil.
• Feumar putanan le ìomhaigh ghlais-dhùirn fhosgladh le bhith a' coileanadh ghnìomhan.
• Cliog air Cuideachadh gus tuilleadh ionnsachadh mu mar a bhios a' chuileag ag atharrachadh.
Gnìomhan
Coilean na gnìomhan sin gus goireasan, a ghabhas cleachdadh san dùbhlan gnàthaichte, fhosgladh. Cliog air an ìomhaigh gus am faic thu liosta nan gnìomhan.
Rannsaich Bhidio/Fuaim
Faigh gu bhidio ghoirid agus criomagan mu pròiseact buntainneach sgoile agus an uairsin freagair ceistean ioma-roghainneach. Fosglaidh freagairt ceart tuilleadh ghoireasan ruigsinneach. Tha fo-thiotalan roghnach Gàidhlig air na criomagan.
Rèitich Còmhstri
'S e ceannard sgioba a th' anns an neach-cleachdaidh agus feumaidh e co-rèiteachadh a thaghadh ris an gabh co-dhiù dithis no triùir de bhuill na sgioba.
Cuir an cursair tarsainn air dealbh gach neach, èist ri trì aithrisean gach neach agus an uairsin cliog air an tè as cudromaiche. Thèid gach tè a chur ris an leabhar-nota.
Tha an neach-cleachdaidh an uairsin a' faighinn trì roghainnean. Tagh aon ris an gabh co-dhiù dithis a-mach às an triùir den sgioba agus buannaich tuilleadh ghoireasan dhan ghnìomh.
Proiseact Togail Airigid
Dealbhaich tachartas air-loidhne gus airgead a thogail airson tuilleadh ghoireasan a cheannach dhan phròiseact.
Feumaidh an neach-cleachdaidh an toiseach sgioba luchd-togail maoineachaidh a thaghadh airson trì dreuchdan:
• neach-togail airgid
• neach-sanasachd
• neach-cuideachaidh
Cuir an cursair tarsainn air dealbh gach neach gus am feartan fhoillseachadh. Tha an sgil aca ann an dèiligeadh ri daoine agus ann an eagrachadh ga mheas a thuilleadh air an dealas. Cleachd na saigheadan dearga gus gluasad air feadh nan daoine a tha ri fhaotainn.
An uair sin molaidh buill na sgioba trì beachdan an urra. Cliog air a' bheachd as fheàrr bho gach neach agus nochdaidh e an uairsin nad leabhar-nota.
Cliog air an t-saighead airson artaigil pàipear-naidheachd fhaicinn is innsidh e an robh, no nach robh, do thachartas maoineachaidh soirbheachail.
Sgrìobh Litir
Sgrìobh litir gu neach ann an ùghdarras gus toirt orra rudeigin a dhèanamh a chuidicheas le bhith a' cur crìoch air a' ghnìomh.
Cuir litir ri chèile le bhith a' taghadh trì seantansan gus na beàrnan ann an cumadh na litreach a lìonadh. Cliog air earrann fhalamh den litir agus an uairsin tagh aon de na trì seantansan a nochdas.
Cliog air an t-saighead Air adhart. Fosglaidh litir shoirbheachail tuilleadh ghoireasan airson na gnìomha.
Taic
Cliog air an ìomhaigh Taic san oisean aig a' mhullach air an làimh dheis gus am faic thu mar a dh'atharraicheas an cursair.
Airgead
Tha àireamh shuidhichte de ghoireasan ri fhaighinn airson a chleachdadh anns gach gnìomh. Tha an crann Airgead aig a' mhullach air an làimh dheis a' sealltainn na th' air fhàgail.
Sàbhail
Nuair a tha thu air logadh a-steach sàbhail adhartas a' gheama le bhith a' cliogadh air an ìomhaigh Sàbhail san oisean aig a' mhullach air an làimh dheis.