Làrach-lìn Ghàidhlig air cuspair saoranachd air a bheil cothroman freagarrach dha clann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na Dara Ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathas. Tha muinntir a' bhaile a' cur feum air do chuideachadh! Tha sia geamannan is gnìomhan anns Na Saoranaich. 'S e an dùbhlan a bhith a' fuasgladh duilgheadasan na coimhearsnachd sa bhaile robach seo.

Na Saoranaich



'S e làrach-lìn air cuspair Saoranachd a th' anns Na Saoranaich air a bheil cothroman freagarrach dha clann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na Dara Ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathas. Tha e dealbhte gus cothroman airson pearsanachadh a thabhann le roghainn ghnìomhan far am bi luchd-cleachdaidh a' tighinn gu co-dhùnadh mun bhuile. Tha na gnìomhan is na bhidiothan a' tabhann farsaingeachd de dhùbhlain a tha freagarrach ann an suidheachaidhean fìor.

Tha muinntir a' bhaile a' cur feum air do chuideachadh! Tha sia geamannan is gnìomhan anns Na Saoranaich. 'S e an dùbhlan a bhith a' fuasgladh duilgheadasan na coimhearsnachd sa bhaile robach seo. Tha bhideothan goirid ann cuideachd a' sealltainn pròiseactan fìor a tha gan gabhail os làimh ann an sgoiltean air feadh Bhreatainn agus a tha a' toirt fiosrachadh is brosnachadh dha sgoilearan.

Tha caractaran na sgioba-gnìomha aig Na Saoranaich air sia pròiseactan, a nì leasachadh air beatha muinntir a' bhaile, a chomharrachadh. Tha ball den sgioba a' toirt fiosrachadh mu gach roinn den bhaile agus nochdaidh am ball sin sa ghèam airson comhairle a thoirt seachad nuair a tha feum air a leithid.

Anns gach gnìomh feumaidh an neach-cleachdaidh nithean ùra no nithean eile a chur an àite seann rudan no rudan briste. Feumar cuid de na nithean ùra sin a bhuannachadh le bhith a' coileanadh gnìomhan co-cheangailte.

'S e an t-amas gum bi gach ball den choimhearsnachd sona. Tha co-rèiteachadh na chuspair tillteach sna sia gnìomhan. Airson soirbheachadh ann an gnìomh feumaidh an neach-cleachdaidh spèis a thoirt dha beachdan nan diofar bhall den choimhearsnachd agus slighe a tha freagarrach a thaghadh. Tha seo a' ceangal gu dìreach ri rùintean feartan Slàinte agus Sunnd le luchd-ionnsachaidh a' leasachadh tuigse air mar a chumas iad deagh dhàimhean le caochladh dhaoine agus mar a bhios mothachadh aca mar a dh'fhaodas smuaintean, faireachdainnean, beachdan, luachan is creideamhan buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean mu dhàimhean. Tro na gnìomhan is na bhidiothan, chì an neach-ionnsachaidh na buannachdan a thig bho atharrachadh ceart ann an diofar àrainneachdan.

Tha na bhidiothan a' tabhann co-theacsan ann an raon de roinnean curraicealaim agus faodaidh iad cuideachd taic a chur ri obair eile. A thuilleadh air seo tha ceanglaichean soilleir ann a thaobh a bhith a' leasachadh sgilean meòrachaidh, beachdachaidh agus breithneachaidh.

Tha an obair a' tabhann suidheachaidhean airson beachdachadh is fèin-rannsachaidh mu co-dhùnaidhean an neach-ionnsachaidh.

Airson na gnìomhan a chluich cliog air na diofar roinnean ann an sealladh adharach a' bhaile. Faodar na h-earrannan a chluich ann an òrdugh sam bith no aig àm sam bith agus chan fheumar iad uile a thaghadh.

Duilgheadas sa Phàirc
Furasta. 'S e deagh àite tòiseachaidh a tha seo. Chan eil duine ag iarraidh a dhol gu pàirc robach a' bhaile tuilleadh. Tagh leasachaidhean a nì i na h-àite far am bi daoine ag iarraidh a dhol a-rithist.

Buaireadh sa Phàirc
Furasta. Tha a' chomhairle air airgead a thoirt seachad airson tuilleadh leasachaidhean a dhèanamh sa phàirc. Faigh a-mach dè tha muinntir na sgìre ag iarraidh agus feuch rin cumail dòigheil.

Duilgheadas aig Àm Pleatha
Meadhanach doirbh. Tha raon-cluiche na sgoile ann an staid uabhasach. Cuidich a' chlann a' dèanamh leasachaidhean a chumas na h-uile dòigheil aig àm pleatha.

Duilgheadas san Sgoil
Meadhanach doirbh. Cha toigh le na sgoilearan biadh na sgoile agus chan eil duine airson na taighean-beaga grod a chleachdadh. Cuidich a' chlann a' leasachadh an ionaid-bidhe, an leabharlainn agus nan taighean-beaga gus am bi a h-uile duine dòigheil.

Dragh sa Choimhearsnachd
Doirbh. Tha na bùithtean uile dùinte agus chan eil càil ri dhèanamh sa phàirt thrèigte seo den bhaile. Dèan atharrachaidhean a chumas gach neach dòigheil agus a bheir rudeigin dhan òigridh a nì iad.

Trioblaid sa Bhaile
Doirbh. Tha a' chomhairle ag ath-leasachadh meadhan a' bhaile. Cuidich le bhith a' dèanamh cinnteach gun toir seo buannachd gun choimhearsnachd air fad agus gun cùm e luchd-còmhnaidh agus gnìomhachasan na sgìre dòigheil.

Brosnaich luchd-ionnsachaidh gus:

• beachdan is barailean na caractaran a rannsachadh mus tigear gu co-dhùnaidhean.

• smaoineachadh mu mar a ghabhas na diofar charactaran ri cùisean mus tèid càil a dhèanamh.

• cuimhneachadh gum faodadh fuasgladh aon duilgheadas fear eile a chruthachadh.

Cuideachadh Claistinneach is Lèirsinneach
Cliog air a' phutan 'Roghainnean' gus:
• teacsa na sgriona ath-mheudachadh agus atharrachadh a dhèanamh air teacsa is dathan a' chùil-ionaid
• teacsa na sgriona a chluinntinn ga leughadh
• fo-thiotalan a chur ri susbaint na bhidio agus ris an obair chlaistinnich.

Chan fhaighear gu na roghainnean sin bhon earrainn Pàrantan & Tidsearan.

Gheibhear gun chuid as motha den t-susbaint le bhith a' cleachdadh a' mheur-chlàir.

A' Sàbhaladh Adhartas
Sàbhail adhartas sa ghèam le bhith a' cliogadh air a' phutain 'Sàbhail'. Cha tèid a shàbhaladh ach a-mhàin air a' choimpiutair air a bheil an neach-cleachdaidh ag obair aig an àm agus cha ghabh a luchdachadh ach a-mhàin air an inneal shònraichte sin an dèidh làimh.





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.