Amas: Cuidich le ceàrn robach den bhaile a leasachadh. Tha na bùithtean uile air dùnadh agus chan eil càil ri dhèanamh. Tha daoine òga a' cruinneachadh agus a' dol an sàs ann am miastadh. Dèan leasachaidhean a chumas gach neach dòigheil.
Tha Ant, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus tha e deònach comhairle a thoirt seachad.
'S iad Badu, Raonaid agus Ruairidh na triùir a dh'fheumar a riarachadh.
Tha Badu, a tha a' fuireach san àite, ag iarraidh:
• bùithtean ùra
• taighean nas fheàrr
• isàbhailteachd rathaid leasaichte
• barrachd chur-seachadan dha daoine òga.
Tha Raonaid, a tha ùr dhan àite, ag iarraidh:
• goireasan ath-chuartachaidh
• bùithtean ùra
• sràidean nas tlachdmhoire
• solais nas fheàrr air na sràidean
• sàbhailteachd rathaid leasaichte
• gàrradh coimhearsnachd
• àite far am faigh a Granaidh air bobhladh a chluich.
Tha Ruairidh, aig a bheil dithis ghillean nan deugairean a bhios ga chuideachd le a stàile sa mhargaid, ag iarraidh:
• cur-seachadan dha daoine òga
• sàbhailteachd rathaid leasaichte
• solais nas fheàrr air na sràidean agus CCTV
• bùth ionadail
• sràidean nas tlachdmhoire
• cafaidhean is takeaways
• raon eacarsaich le cur-seachadan dha na h-uile.
Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh:
• sreath de bhùithtean ionadail
• diofar sheòrsaichean de sholais sràide
• bionaichean is goireasan ath-chuartachaidh
• goireasan ùra spòrs agus lotaichean curachd
• uidheam sàbhailteachd
• craobhan is leapannan fhlùraichean
• riaghailtean ùra.
Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson na goireasan fhosgladh:
• Rannsaich Ath-chuartachadh
Èist ri criomag mu sgeama ath-chuartachaidh glainne is pàipeir sna h-Eileanan Siar. Freagair na ceistean gu ceart airson sgeama ath-chuartachaidh a bhuannachadh dhan choimhearsnachd le bionaichean ath-chuartachaidh agus steigear dha gach taigh a ghabhas pàirt.
• Pròiseact Buidheann Ghnìomhachais
Seall ri bhidio ghoirid le clann bun-sgoile aig an robh buidheann iomairt a rinn DVD. Freagair na ceistean gu ceart airson luibhean is beingean a bhuannachadh dha gàrradh na coimhearsnachd.
• Rèitich Còmhstri mu Raon Cur-seachad
Èist ri na diofar bheachdan mu mar a ghabhas an raon eacarsaich a leasachadh. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dhà de na trì bhòtaichean airson goireasan dhan raon eacarsaich a bhuannachadh.
• Iomairt airson Bùithtean Ionadail
Èist ri na diofar bheachdan mun t-seòrsa bhùithtean bu toigh le daoine fhaicinn a' fosgladh. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson sreath bhùithtean a bhuannachadh dhan àite.