Amas: Sàbhail a' phàirc robach le bhith ga dèanamh na àite far am bi daoine airson a dhol. Co-dhùin dè na leasachaidhean a nì thu airson nan daoine a bhios ga cleachdadh a chumail dòigheil.
Tha Mikey, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus faodar comhairle fhaighinn bhuaithe.
'S iad Rita, Smu agus Toby na trì caractaran a tha rin riarachadh.
Tha Toby, balach a bhios a' cluich sa phàirc, ag iarraidh:
• barrachd uidheaman airson cluich orra
• cuidhteas fhaighinn de na coin
• àite far am faigh na tunnagan air snàmh.
Tha Smu, màthair le clann òga, ag iarraidh:
• riaghailt a' cur bacadh air a bhith a' fàgail sgudal
• cuidhteas fhaighinn de na coin a tha a' falbh leotha fhèin sa phàirc
• àite cluich dha cuid chloinne
• an geata a chàradh.
Tha Rita, seanmhair aig a bheil cù, ag iarraidh:
• flùraichean is luibhean ùra dhan phàirc
• àite airson geamannan buill a ghluasad
• àite airson suidhe
• an graffiti a thoirt air falbh
• àite fiadh-bheatha dha na tunnagan.
Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a thabhann:
• craobhan is flùraichean
• àirneis pàirce is bionaichean
• uidheam cluiche
• fuarain
• ballaichean airson dealbhan agus graffiti
• riaghailtean ùra is soidhnichean.
Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh gus na goireasan fhosgladh:
• Rannsaich Bùth Charthannais
Seall ri bhidio ghoirid mu ath-chuartachadh ann am bùth charthannais. Freagair na ceistean ceart airson bionaichean sgudail a bhuannachadh dhan phàirc.
• Rannsaich Gàrradh Sgoile
Èist ri criomag mu phròiseact air gàrradh sgoile. Thoir freagairt ceart dha na ceistean gus luibhean a bhuannachadh dhan phàirc.
• Sgrìobh Litir
Cuir ìmpidh air a' chomhairliche aontachadh ri riaghailt ùr a chuireas cìs air daoine a bhios a' leigeil às sgudal sa phàirc.