Fiosrachadh do phàrantan agus tidsearan air Duilgheadas san Sgoil. Geama mu Shaoranachd dha clann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na Dara Ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathais.

Duilgheadas san Sgoil



Amas: Thoir cuideachadh dhan chloinn airson goireasan san sgoil a leasachadh. Tha dìnnearan na sgoile mì-fhallain, tha na taighean-beaga grod agus tha a h-uile càil san leabharlann aost is briste. Mar as àbhaist chan eil gach neach ag aontachadh mu na dh'fheumar a dhèanamh.

Tha Seònaid, ball den sgioba, ag innse mun ghnìomh agus tha i deònach comhairle a thoirt seachad.

'S iad Toby, Ceit, Màiri, Mgr. Moireasdan agus A' Mhgn. Fhriseal na ceathrar a dh'fheumar a riarachadh.

Tha Toby, sgoilear, ag iarraidh:
• airgead a thogail airson na taighean-beaga a leasachadh
• barrachd choimpiutairean dhan leabharlann.

Tha Ceit, sgoilear, ag iarraidh:
• dìnnearan-sgoile nas fhallaine
• biadh-lann sgoile nas fheàrr
• riaghailtean ùra gus burraidheachd a chasg
• gum faigh muinntir na coimhearsneachd cead an leabharlann a chleachdadh
• barrachd choimpiutairean.

Tha Màiri, sgoilear, ag iarraidh:
• gum faigh muinntir na coimhearsneachd cead an leabharlann a chleachdadh
• taighean-beaga nas fheàrr.

Tha Mgr. Moireasdan, ceannard na sgoile, ag iarraidh:
• co-rèiteachadh mu dhìnnearan na sgoile
• improved contact with the community
• faighinn a-mach dè a tha a' chlann airson ith
• goireasan nas fheàrr san leabharlann
• muinntir na sgìre fhiathachadh dhan sgoil
• taighean-beaga nas fheàrr.

Tha A' Mhgn. Fhriseal, pàrant agus tè a tha ag obair sa àite-bìdh, ag iarraidh:
• taighean-beaga nas fheàrr
• riaghailtean ùra gus burraidheachd a chasg
• goireasan leasaichte san leabharlann
• biadh a bhios a' chlann deònach ithe
• biadh-lann sgoile nas fheàrr.

Leasachaidhean
Faodaidh an neach-cleachdaidh na leasachaidhean a leanas a dhèanamh:
• coimpiutairean ùra dhan leabharlann
• bionaichean sgudail is ath-chuartachaidh
• bùird is sèathraichean ùra
• sgeilpean ùra is preasan leabhraichean dhan leabharlann
• na taighean-beaga ath-nuadhachadh is a sgeadachadh
• àirneis ùr a chur dha na taighean-beaga
• roghainnean bidhe nas fhallaine dhan àite-bìdh
• riaghailtean ùra is soidhnichean.

Gnìomhan
Feumar na gnìomhan a leanas a choileanadh airson na goireasan fhosgladh:

Rannsaich Biadh Fallain
Èist ri criomag bho sgoilear a bha a' cumail leabhar-latha "Health Attack". Freagair na ceistean gu ceart airson roghainnean fallain a bhuannachadh dhan àite-bìdh.

Rannsaich Farpais Pàipeir-naidheachd
Seall ri bhidio ghoirid mu sgioba ball-coise chlann-nighean a chaidh a-steach do dh'fharpais pàipeir-naidheachd agus a chruinnich gu leòr bhileagan-eàrlais airson turas dhan Eadailt a bhuannachadh. Freagair na ceistean gu ceart airson riaghailtean sgoile a bhuannachadh.

Rannsaich Ceanglaichean Coimhearsnachd
Seall ri bhidio ghoirid mu mar a tha sgoil a' dèanamh ceangal ri stèisean bàta-teasairginn na sgìre. Freagair na ceistean gu ceart airson soidhnichean a bhuannachadh a chuidicheas muinntir na sgìre nuair a thig iad gu leabharlann na sgoile.

Pròiseact Taighean-beaga
Tog airgead airson àirneis ùr dha taighean-beaga na sgoile.

Sgrìobh Litir
Cuir ìmpidh air ceannard na sgoile riaghailt ùr a chur ri leabhar riaghailtean na sgoile.

Fuasgail Clàr-bidhe
Èist ri na diofar bheachdan air nas còir dha sgoilearan ithe aig an dìnnear agus thig gu co-dhùnadh mu mar a dh'atharraicheas tu an clàr-bidhe. Tagh plana a tha na cho-rèiteachadh freagarrach agus a gheibh co-dhiù dà bhòt a-mach à trì airson roghainnean fallain a bhuannachadh dhan bhiadh-lann.

> Cluich Duilgheadas san Sgoil





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.