Notaichean do phàrantan is thidsearan mu Cuir Ceist, làrach mu chreideamhan an t-saoghail do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara h-ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Truailleadh sa Bhaile



Carson a tha daoine a' creidsinn ann an Dia? Dè tha iad a' creidsinn mu Dhia? A bheil Dia diombach nuair a bhios daoine a' milleadh an t-saoghail?

Tha an dùbhlan seo a' togail nan ceistean a leanas:
• Dè agus carson a tha daoine a' creidsinn ann an Dia?
• Ma rinn Dia an saoghal, a bheil E diombach nuair a bhios daoine ga mhilleadh?
• Dè tha an aon rud, agus dè tha eadar-dhealaichte, mu na tha Crìosdaidhean, Iùdhaich agus Muslamaich a' creidsinn mu Dhia?

> Cluich Truailleadh sa Bhaile

Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.

Coinnichidh tu na daoine a leanas:

Stiùiriche Telebhisein
Tha an stiùiriche telebhisein a' faighneachd ma chruthaich Dia saoghal cho àlainn, carson a tha rudan uabhasach a' tachairt? Carson a tha daoine a' creidsinn ann an Dia?

Fear a' Chamara (Crìosdaidh)
Tha an caractar seo a' creidsinn gun do rinn Dia an saoghal, agus gum bi daoine glè thric ga mhilleadh. Feumaidh iad ionnsachadh deagh fheum a dhèanamh dhen t-saoghal nàdarra agus na stòrasan a th' ann. Tha e a' creidsinn nuair a thuigeas iad gu bheil iad ceàrr, gun iarr iad mathanas air Dia. Bheir Dia sin an-còmhnaidh do dhaoine ma tha aithreachas orra dha-rìribh.

Luibh-eòlaiche (Iùdhach)
Tha an caractar seo a' gabhail ris gu bheil an saoghal seo math. Ciamar a bhios Dia a' gabhail ri rudan? Cò aige tha fios? Tha e a' creidsinn gum bu chòir daoine a bhith beò ann an dòigh cho math agus cho cùramach 's a ghabhas. Bu chòir gum biodh an saoghal nas fheàrr nuair a dh'fhàgas iad e na nuair a fhuair iad e.

Neach-naidheachd (Muslamach)
Tha an caractar seo a' gabhail ris gun deach an saoghal a chruthachadh le Allah, ach gu bheil taobhan nach eil math air beatha dhaoine. Bidh daoine a' milleadh an t-saoghail bhrèagha a chruthaich Dia agus bidh aca ri freagairt airson na rinn iad. Tha i a' creidsinn gu bheil Dia a' toirt breith air daoine nuair a bhàsaicheas iad agus gun tèid iad a phàrras no a dh'ifrinn a rèir 's dè rinn iad nam beatha.

Preasantair Telebhisein
Fear an Fhuaim
Bìobhar

'S e caractaran 'buairidh' a tha san triùir seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.

Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann an Truailleadh sa Bhaile.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Truailleadh sa Bhaile'

Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. an stiùiriche telebhisein, airson a' cheist aige fhaighinn
2. fear a' chamara, an neach-naidheachd air a' bheinge agus an luibh-eòlaiche a tha na sheasamh san uisge (ann an òrdugh sam bith)
3. an stiùiriche telebhisein a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dha airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh aig aig an taigh.

Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlàir.





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.