Notaichean do phàrantan is thidsearan mu Cuir Ceist, làrach mu chreideamhan an t-saoghail do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara h-ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Cuir Ceist



'S e làrach-lìn Gàidhlig a th' ann an Cuir Ceist dha clann bho aois 7-11. Am measg làraich eile do sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathais tha:


Tha còig geamannan ann an Cuir Ceist a chaidh a dhealbh gus barrachd tuigse a thoirt air àite agus buaidh creideimh, smaoineachadh a bhrosnachadh agus cothroman a thoirt seachad airson leasachadh spioradail.

Tha an cuideam air Crìosdaidheachd ach tha fiosrachadh ann cuideachd bho Bhuddhachd, Islam, Iùdhachd agus Hindùthachd, agus tha sealladh saoghalta ann far a bheil sin iomchaidh.

Chan eil an gèam ag iarraidh air cluicheadair creideamh a thaghadh no taghadh eadar creideamhan, ach tuigsinn agus beachdachadh air na luachan ann an diofar chreideamhan.

Tha Cuir Ceist a' cur air adhart Prionnsabalan is Cleachdaidhean a' Churraicealaim airson Sàr Mhathais (CfE) airson Foghlam Crìosdail is Moralta (RME). Tha ionnsachadh tro Cuir Ceist a' toirt cothrom dha daoine òga na leanas a dhèanamh:

ionnsachadh bho creideamhan, luachan, cleachdaidhean is dualchasan Crìosdaidheachd agus bho na creideamhan eile a chaidh a thaghadh, bho dualchasan is beachdan eile a tha neo-eisimeileach bho chreideamh chràbhach. Tha na dùbhlain a' tabhann chothroman dhan luchd-ionnsachaidh gus creideamh aithneachadh mar nì cudromach ann an eòlas daonna. Faodaidh seo cuideachd brosnachadh a thabhann airson eòlas is tuigse mu chreideamhan a rannsachadh is a leasachadh, ag aithneachadh àite Chrìosdaidheachd ann an suidheachadh Albannach agus airson rannsachadh a dhèanamh is tuige fhaighinn mu na freagairtean a dh'fhaodas beachdan cràbhach is neo-chràbhach a thoirt do cheistean mu nàdar is ciall na beatha.

Tha Cuir Ceist air a dhealbhadh airson an cleachdaiche a bhrosnachadh gus beachdachadh air an fhiosrachadh agus gus feuchainn ri ciall a thoirt às na suidheachaidhean a th' air an cleachdadh agus anns na suidheachaidhean farsaing a tha buntainneach dhaibh. Tha comasachd ann cuideachd airson pearsantachd is roghainn far am faod luchd-ionnsachaidh suidheachaidhean buntainneach a rannsachadh ann am barrachd leud no doimhneachd.

Dùbhlain
Tha còig dùbhlain ann:
Cuairt tron Choille (Walk in the Woods)
Bochdainn is Beairteas (Rags and Riches
Air a' Chladach (Seaside Special)
Baile Fàs (Derelict Town)
Truailleadh sa Bhaile (Spillage in the Village

Cuidichidh an obair thu gu bhith:
• ag aithneachadh prìomh luachan creideimh co-cheangailte ris an t-saoghal nàdarra
• a' tuigsinn dleastanas airson na planaid agus a' com-pàirteachadh sin ri daoine eile
• a' tuigsinn na th' aig creideamh ri ràdh mu àite dhaoine san t-saoghal, me, cho sònraichte 's a tha e.

A' cluich a' gheama
Tha dà dhòigh air an gèam a chluich. Bheir na dhà cothrom dhut feuchainn air na dùbhlain ann an òrdugh sam bith.

Cruth dùbhlain
Gabh cuairt tro gach àite airson na caractaran a lorg.

Cruth teacsa
Cluich an gèam leis an teacsa a-mhàin gun a dhol tro gach àite a lorg nan caractaran. Chaidh seo a dhealbh airson a bhith nas fhasa a chleachdadh dha na doill, feadhainn a tha gann de fhradharc, no a chleachdas meur-chlàr airson stiùireadh. Ach, faodaidh duine sam bith a chleachdadh.

Tagh caractar
Faodaidh tu do charactar fhèin a thogail airson nochdadh sa ghèam.

Tagh treòraiche
'S e an treòraiche a bheir stiùireadh dhut tro Cuir Ceist agus cuidichidh e thu ma tha feum agad air.

A' gluasad
Faodaidh tu a dhol tro na geamannan le bhith cliogadh air a' cheàrnaig dha bheil thu airson gluasad. Airson bruidhinn ris na caractaran, cliog air a' cheàrnaig liath rin taobh.

Caractaran
Anns gach dùbhlan, coinnichidh tu ri caractar le ceist shònraichte mun t-saoghal. 'S e d' obair-sa a' cheist a fhreagairt le bhith a' bruidhinn ri gach caractar eile san dùbhlan. Bidh sealladh creideimh aig na caractaran air a' chùis a thathar a' deasbad. An uair sin, till chun a' cheasnaiche, a bheir duais dhut, nuair a bhios e/i toilichte gun do fhreagair thu a' cheist.

Gus crìoch a chur air an dùbhlan, feumaidh tu bruidhinn ri caractar ris an canar Fear a' Gheata. 'S ann le bruidhinn ri Fear a' Gheata a gheibh thu tron bhacadh agus crìoch a chur air an dùbhlan. Chaidh an caractar seo a dhealbh gus do chuideachadh ann a bhith a' smaoineachadh air na dh'ionnsaich thu, agus airson sin a chur ri d' eòlas agus do thuigse fhèin air creideamh.

Beag-fhaclair de bhriathrachas na làraich.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail am 'Beag-fhaclair'

Taic claistinneach is lèirsinneach
Cliog air 'Roghainnean' airson:
• ath-mheudachdh teacsa sgrion is teacsa is dathan cùl-raoin atharrachadh
• teacsa air sgrion a chluinntinn
• tiotalan fhaotainn dhan mhòr-chuid de na th' air bhidio is fuaim.

Chan eil na roghainnean seo rim faotainn san earrann Fiosrachaidh.

Faodaidh tu cuideachd stiùireadh tron chuid as motha dheth leis a' mheur-chlàr.





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.