Carson a bhios daoine a' milleadh na h-àrainneachd?
Tha an dùbhlan seo a' togail na prìomh cheist a leanas:
• Carson a bhios daoine a' milleadh na planaid?
Tha brosnachadh ga thoirt do luchd-ionnsachaidh an sàr sgilean ceasnachaidh a chleachdadh airson tuilleadh cheistean a thogail a chleachdas iad len comhaoisean agus, 's dòcha, ann an deasbad.
Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.
Coinnichidh tu na daoine a leanas:
Tè na Suidhe san t-Suidheachan càir
Le bhith a' bruidhinn ris a' charactar seo, feumaidh tu faighinn a-mach carson a tha saoghal àlainn na leithid de staid, agus a bheil duine ann a tha airson rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn. A bheil creideamh dhaoine a' toirt buaidh air am beachdan air an àrainneachd? Dè tha iad a' dèanamh? Dè 's urrainn dhìse a dhèanamh? Dè 's urrainn dhut fhèin a dhèanamh?
Ministear (Crìosdaidh)
Tha an caractar seo a' creidsinn gun do chruthaich Dia an saoghal agus gun do chuir e dleastanas air daoine air a shon. Mhill daoine an cruthachadh seach gun robh iad buailteach an toil fhèin a dhèanamh seach toil a' Chruitheir. Tha cothrom aig daoine a chur ceart oir bidh an Cruithear a' toirt cothrom eile do dhaoine.
Tè a' Togail Sgudal (Iùdhach)
Tha an caractar seo a' mìneachadh gu bheil e cudromach dha na h-Iùdhaich a bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail; feumaidh daoine an aire a thoirt air na th' aca agus feuchainn gun a mhilleadh. Tha i a' bruidhinn air Tikkun Olam (a' leigheas an t-saoghail), a tha gu mòr mu cheartas sòisealta, ach a tha a' gabhail a-steach cùram dhan àrainneachd.
Fear le na Notaichean (Muslamach)
Tha an caractar seo a' mìneachadh gum feum Muslamaich a bhith cùramach mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail agus a bhith beò a rèir toil Allah. Tha e air iarraidh air Muslamaich strìochdadh do dh'Allah nam beatha, agus tha an dòigh san dèan iad sin a' toirt buaidh air càit an tèid iad nuair a bhàsaicheas iad.
Fear nam Bogsaichean
Fear a' Chanastair
Iasgair Sean
'S e caractaran 'buairidh' a tha san triùir seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.
Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann am Baile Fàs.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Baile Fàs'
Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. an tè san t-suidheachan càir, airson a' cheist aice fhaighinn
2. neach-obrach Islamic Relief, am ministear agus an tè a tha a' togail sgudal (ann an òrdugh sam bith)
3. an tè san t-suidheachan càir air an tràigh a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dhi airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh aig obair an rathaid.
Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlàir.