Notaichean do phàrantan is thidsearan mu Cuir Ceist, làrach mu chreideamhan an t-saoghail do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara h-ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Bochdainn is Beairteas



Carson a tha cuid beò air an t-sràid, agus cuid eile ag ithe ann an taighean-bìdh leòmach? Ciamar a bhios daoine a' feuchainn ri daoine bochda a chuideachadh? Dè dh'fhaodadh tu fhèin a dhèanamh?

Tha an dùbhlan seo a' togail nan ceistean a leanas:
• Dè na rudan a dh'fheumas daoine dha-rìribh?
• Carson nach eil stòrasan an t-saoghail air an roinn nas fheàrr?
• A bheil feum ann a bhith a' roinn?
• Dè bhios luchd-creideimh a' dèanamh mu neo-ionannachd?

Tha an obair seo a' tabhann chothroman airson còmhraidhean feallsanachail agus airson leasachadh a dhèanamh air sgilean brithneachail. Faodar cuimseachadh cuideachd air feartan cànain is sgilean litearrachd tro bhith a' leasachadh beachd no argamaid airson, no an aghaidh, seasamh shònraichte. Gabhaidh an obair a leanas a leasachadh ann an suidheachadh ionnsachaidh eadar-roinneil le bhith a' coimhead ri na ceistean aig ìre ionadail, a' rannsachadh nan ceistean taobh a-staigh an suidheachaidhean ionadail fhèin a thuilleadh air sgèile nas domhanta.

> Cluich Bochdainn is Beairteas

Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.

Coinnichidh tu na daoine a leanas:

Neach-reic am Big Issue
Tha neach-reic am 'Big Issue' a' faighneachd carson a tha neo-ionannachd san t-saoghal. Dè tha daoine a' dèanamh mu dheidhinn?

Neach-naidheachd (Iùdhach)
Tha an neachd-naidheachd ag innse mun railidh 'Make Poverty History' an Dùn Èideann. Tha e ag ràdh gur ann mu cheartas a tha seo, 's gu bheil an dòigh seo a' dèanamh diofar fad am beatha do dhaoine bochda. Tha e dhen bheachd gu bheil ceartas cudromach oir tha an Torah ga theagasg.

Neach Saor-thoileach Christian Aid (Crìosdaidh)
Tha an caractar seo a' sealltainn gu bheil feadhainn bho shealladh creideimh agus bho shealladh daonnachd ag obair còmhla gus feumalachdan gach duine a choinneachadh, agus gun dèan an rud as lugha a nì sinn feum gus faochadh a thoirt do dhaoine bochda.

Lannsair Sean (Muslamach)
Tha an caractar seo a' creidsinn gu bheil dleastanas air Muslamaich rud a dhèanamh mu neo-ionannachd san t-saoghal. Tha e dhen bheachd gu bheil na nì Muslamaich fa leth gan cuideachadh gu bhith a' tuigsinn agus a' toirt freagairtean do neo-ionannachd le bhith a' roinn nam buannachdan. Tha e a' mìneachadh mar a tha zakah agus ramadan a' cur taic ris an sin.

Fear a' Chàir Mhòir
Còcaire
Boireannach Leòmach
Fear gun Dachaigh

'S e caractaran 'buairidh' a tha sa cheathrar seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.

Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann am Bochdainn is Beairteas.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Bochdainn is Beairteas'

Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. neach-reic am 'Big Issue' airson a' cheist aige fhaighinn
2. neach-saor-thoileach Christian Aid, an neach-naidheachd a' gabhail cofaidh agus an lannsair sean (ann an òrdugh sam bith)
3. neach-reic am 'Big Issue' a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dha airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh ri taobh a' bhus.

Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlàir.

A' cleachdadh na ceist mu neo-ionannachd, bheir an obair seo cothrom dhan luchd-ionnsachaidh leasachadh a dhèanamh air sgilean beachdachaidh, lèirsinneach, breitheachail agus air an dòigh anns an tig iad gu co-dhùnaidhean moralta.





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.