Notaichean do phàrantan is thidsearan mu Cuir Ceist, làrach mu chreideamhan an t-saoghail do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara h-ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais.

Air a' Chladach



Carson a bhios daoine a' coimhead às dèidh na h-àrainneachd? Ciamar a bhios iad a' leasachadh na planaid? Dè dh'dhaodadh tu fhèin a dhèanamh?

Tha an dùbhlan seo a' togail nan ceistean a leanas:
• Dè dh'ionnsaicheas mi bho na dòighean sa bheil daoine a' sealltainn uallach mun àrainneachd?
• Dè bhios luchd-creideimh a' dèanamh? Carson?
• Dè nì mise airson an àrainneachd a leasachadh?

> Cluich Air a' Chladach

Na Caractaran
Airson adhartas a dhèanamh feumaidh tu bruidhinn ris na caractaran fad na h-ùine, gun choiseachd air falbh sa mheadhan.

Coinnichidh tu na daoine a leanas:

Oifigear Faire Rathad Sgoile
Mhothaich an t-Oifigear Faire gu bheil ùidh aig daoine dèanamh cinnteach gum bi a' phlanaid ann an deagh staid dhan ath ghinealach. Carson? Carson a choimheadadh iad às dèidh an t-saoghail?

Tè ann an Lios Sàmhach (Crìosdaidh)
Tha an tuathanach seo a' dèanamh rudeigin oir tha e a' creidsinn gu bheil Dia ag iarraidh air daoine coimhead às dèidh an t-saoghail. Tha e ag ràdh gu bheil cuid a' sealltainn spèis dhan àrainneachd le bhith a' feuchainn ri nithean malairt chothromach a cheannach agus a bhith a' cleachdadh stòrasan an t-saoghail gu ciallach.

Tuathanach Organach (Crìosdaidh)
This character is taking action because of his personal belief that God asks people to look after the world. He explains that some people show respect for the environment by trying to buy fair trade items and using the earth's resources responsibly.

Neach-leantainn Hare Krishna
Tha neach-leantainn Hare Krishna a' mìneachadh a chreideimh ann an Krishna, agus gu bheil e fhèin dhen bheachd nach bu chòir do dhaoine càil ach na dh'fheumas iad a thoirt às an t-saoghal.

Iasgair
Tè a' Reic Silidh
Cat
Neach Spèile-bòrd

'S e caractaran 'buairidh' a tha sa cheathrar seo. Cha chuidich e thu crìoch a chur air an dùbhlan ma bhruidhneas tu riutha, ach togaidh iad ceistean mu bhith a' coimhead às dèidh an t-saoghail, agus dh'fhaodadh tu smaoineachadh orra.

Eisimpleirean de chòmhraidhean a tha a' nochdadh ann an Air a' Chladach.
Thoir a-nuas agus clò-bhuail duilleag 'Air a' Chladach'

Taic
Tadhail air na caractaran san òrdugh seo:
1. an t-oifigear faire airson a' cheist aice fhaighinn
2. an tè air a' bheinge, an tuathanach organach, neach-leantainn Hare Krishna (ann an òrdugh sam bith)
3. an t-oifigear faire a-rithist - feumaidh tu na freagairtean ceart a thoirt dhi airson an duais fhaighinn
4. fear a' gheata, na sheasamh aig a' gheata chun na creagan.

Nuair a gheibh thu an duais, ma chuireas tu crìoch air a' chòmhradh ri Fear a' Gheata, leigidh e tarsainn na h-aibhne thu agus faodaidh tu tilleadh chun a' phrìomh chlàir.





Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.