
Kristi
Don't panic! English follows the Gaelic!
Dè an t-ainm a th' ort? Halò! Is mise Kristi.
Co às a tha thu? / Càite a bheil thu a' fuireach? 'S ann à Alberta ann an Canada a tha mi.
Dè thog d' ùidh anns a' chànan? 'S e cànan bòidheach a th' ann, 's bha mi den bheachd gum biodh e sgoinneil ionnsachadh! Seach gur ann à Alba a bha mo shinnsirean.
A bheil molaidhean agad airson luchd-ionnsachaidh eile? Bi foighidneach!
Ciamar a tha thu a' cleachdadh Gàidhlig nad bheatha làitheil? Gu mì-fhortanach chan eil mòran tìde agam a bhith a' cur mo sgilean-còmhraidh an gnìomh. Ach tha e a' còrdadh ri mo cho-obraichean a bhith a' cluinntinn nam facal 's nan abairtean ùra a tha mi air a bhith ag ionnsachadh.
Dè an abairt Ghàidhlig as fheàrr leat? Tha seo iongantach, ach chan eil gin fhathast! Chan eil mi air a bhith ag ionnsachadh ach airson 10 latha. Ach gu dearbha tillidh mi thugaibh le abairt!
What's your name? Hello, my name is Kristi.
Where do you stay/are you from? I'm from the province of Alberta, Canada.
What inspired you to learn Gaelic? It's a beautiful language, that I thought would be awesome to learn! Since my ancestors came from Scotland!
What tips do you have for other Gaelic learners? - Have patience!
How do you use Gaelic in your daily lives? I unfortunately don't have much time to practice speaking Gaelic. But my fellow co-workers do enjoy hearing new words and phrases that I am picking up and learning!
Do you have a favourite Gaelic expression? How cheesy is this, but none yet! I've only been learning for 10 days. But I'll came back and put one in for sure!