Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017
Nuair a tha ainm-cleachdaidh a dhìth
Ma chlàras tu is tu fo aois 13, iarraidh sinn ort ainm-cleachdaidh a chruthachadh seach do sheòladh puist-dealain a chur a-steach.
Bidh an t-ainm-cleachdaidh seo dìomhair agus cha tèid fhoillseachadh gu poblach air làraich-lìn no app BBC gu bràth.
Nuair a tha ainm taisbeanaichte a dhìth
Feumaidh tu ainm taisbeanaichte a chruthachadh ma tha thu airson càil poblach a dhèanamh air làrach-lìn no app BBC. Mar eisimpleir, ma chuireas tu steach dealbh no beachd air sgeulachd BBC News.
Bidh d’ ainm taisbeanaichte poblach. Le sin, ’s dòcha nach bi thu airson d’ ainm ceart a chleachdadh, no fiosrachadh sam bith eile a leigeadh le daoine d’ aithneachadh, mar d’ àireamh fòn, do sheòladh puist-dealain, ainm na sràid air a bheil thu a’ fuireach no ainm do sgoil.
Diùltaidh sinn ainmean taisbeanaichte ma tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil iad mì-mhodhail. Ma thachras sin dhut, bhitheamaid nad chomain nan taghadh tu rudeigin eadar-dhealaichte.
