Am faod mi cunntasan a’ BhBC a cheangal ma tha barrachd air aon agam?

Air ùrachadh: 6 An t-Ògmhios 2017

Chan fhaod. Ach faodaidh tu cunntas BBC a dhubhadh às airson smachd a chumail orra.

Cuimhnich, ma tha do chunntas ceangailte ri cunntas pàiste, thèid ceadan chloinne sam bith a dhubhadh às cuideachd. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu cheadan chloinne an seo.

Ciamar a dhubhas mi às mo chunntas BBC?

1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach do chunntas a’ BhBC.

2. An uair sin, air làrach BBC sam bith, brùth air ìomhaigh “Do chunntas” aig bàrr na duilleig. (Ma tha ainm taisbeanaichte agad, bidh sin ri fhaicinn, agus chan e “Do Chunntas”). Tha e ri lorg sa bhàr lorgaidh, faisg air bàr seòlaidh do bhrobhsair.

3. Tagh “Seataidhean” agus thèid do thoirt gu d’ fhiosrachadh pearsanta.

4. Anns an earrainn “Dubh às do chunntas”, brùth air “Tha mi airson mo chunntas a dhubhadh às”. Feumaidh tu d’ fhacal-faire a chur a-steach gus am bi dearbhadh againn gur tu da-rìreabh a th’ ann.

5. Air an ath sgrion, brùth air “Dubh às mo chunntas” agus sin e dèante. Bidh sinn duilich d’ fhaicinn a’ falbh.

Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?

Feumaidh tu ùrachadh. Faic mar a nì thu seo ann an “Tha duilgheadasan agam le m’ fhacal-faire”.

Cuimhnich...

Gu mì-fhortanach cha till cunntasan a dh’fhalbh. Na dubh às do chunntas mur a bheil thu cinnteach.

 

Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhàin. Duilich mun sin.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: